(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Biodiversity Heritage Library | Children's Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Dana spioradail ann an da earrann ..."

A&S-1-87. Ztf 



L 



/t- 



\ 



DANA 

©IP2®lEADiiIìlL 

ANN AN 

DA EARRANN. 
A CHEUD EARRANN, 

AIR DHOIGH ARAIDH, ARSON 

Clmmtt agus iMttinntiv #fia; 

AN DARA EARRANN 

ARSON 

MUINNTIR AIG GACH AOIS. 



Bha na Gaidheil ro aineolach, dhall. 
Bha iunnsachadh gann 'nammeasg: 
Bha 'n eòlas co tana, s co matl, 
'S nach b'aithne dhoihh 'n call a mheas.— » 
'S e b'annsa leo 'n airgiod, 's an or, 
haitheadh gu gòrach, truagh, 
amaideachd. òranaibh, 's òl, 
: a bainnsibb ^eol d'an cluais. 

Cha 'n iogh» ged bha iad gun chail, 
Do f hocal n. slaint' aig Dia, 
Ged choisinn an namhaid an gradh 
'S ged bha iad toirt da a mhiann, 

Mac Griogair. 



GLASCHO: 

CLO-BHOAILTE LE D. MACCOINICH. 

MDCCCXIX. 



AN ROI-RADH. 



Tha na Dana a ìeaiias, air an roinn nan Da Earran. Tha 
chuid mhor de dhain a Cheud EArrann, air an eadar- 
theangachadh o na Danaibh beurla a rinneadh arson cloinn^ 
leis an diadhair urramach Isaac JBhatts. Tha muinntir a 
ta nam breitheamhna iomchuidh, cumail amach gu bheil 
buaidh air na dain so anns a bheurla, tha ga 'n deanamh fior 
f hreagarach, mar mheadhon teagaisg arson cloinn oga; agus 's 
e sin gu bheil a lethid do aon-f hillteachd anns na briathraibh 
a ta air an gnathachadh annta, 's gu'm faod a chlann is oige ar 
tuigsinn. Agus mar an ceudna, gu bheil na samhlachan th'annta 
air an tarruing o nithe air am faod leanabh a bhi eolach. Tha 
briathran agus samhlachan aon-f hillte 'nis air an gnathachadh 
annt' anns a Ghaelic; oir b'e durachd an eadar-theangair gu'm^, 
bitheadh iad co furus ri'n tuigsinn anns achainnte sin 's a tha 
iad anns a bheurla. — Cha 'n fhiosrach leisgu bheil ni sam bith 
annta, nach eil do reir focal na firinn. 

Ged, tha na dain so air an runachadh, air dhoigh araidharsoi 
cloinne, agus muinntir oga; gidheadh faoduidh muinntir a ta 
air fas suas, no eadhon a ta aosmhor buannachd f haotuinn o bhi 
ga'n leughadh, agusgan eisdeachd, agus o bhi meoracha' orra. 

Tha dain an Dara Earrann, mu chuid de theagasgaibft 
agus dhleasnasaibh a chreidimh chriosduidh; agus mu chuid di 
p.à geallanaibh luachrnjior a bhuincas am\ain do j 'hior phobidì 






ity ar 



Bo PHARANTAIBH CRIOSDUIDH AGUS DO 1.UCHD TEAGAISG CLOINNE. 



'S e earail an Scriobtuir do pharantaibh, " Togaibh bhur 
clann ann an oilean agus ann an teagasg an Tighearna." Mà 
tha fior eagal Dhe oirbh, agus ma tha an gradh ceart agaibh do 
bhur cloinn, cha 'n 'eil ni 's an t-saoghal is mo a bhitheas na 
chradh cridhe dhuibh, na bhi ga'm faicinn a fas asuas an ann 
aineolas air Dia, agus an lorg sin, ann an aindiadh'achd. 
, Ach a Mhaithriche, 's e bhur crannchur-se a bhi 'measg na 
clo'ine rè am bliadhna oga. Am bheil ni sam bith is cliuitiche 
agus is ciataiche anns an urra sibhse a bhi air bhur cleachd- 
adh, na ann a bhi togal asuas bhur clann ann an eolas Criosd- 
uidh, agus arson seirbhis De. 'S ann chum bhur cobhair gu 
80 a dheanamh, a ta na dain so air an ullachadh. Air na 
aobhar sin, gnathaichibh iad chum na criche so. Co luath 
's. a thig cainnt do 'ur cloinn, bhitheadh e deagh-mhaiseach 
aig gach àm iomchuidh, a bhi ga'n leughadh agus ga 'm 
mineachadh dhoibh, agus ga'n iunnsachadh dhoibh air am 
meoghar. Ach gu h-araid dar thig iad fein gu comas leugh- 
aidh, nach leigeadh sibh leo dearmàd a dheanamh orra. Gnath- 
aichibh maille ris na dain so, an leabhair ceisd arson cloinne, a 
ta eadar theangaichte o bheurla Mhaighstir Uilleam Brun. Agus 
bithidh iad air an uìluchadh leo sin arson leabhraichibh 's mò. 

Chum a chlann a thoirt gu tuigse n'is fearr air na danaibh, 
bhitheadh e iomcbuidh a bhi cuir ceisdean riumu'n timchioll, 
agus a bhi toirt orra a bhi tabhairt freagradh co fad 's a tha 
e nan comas, ann am briathraibh an Scriobtuir. Chum 
an cobhair gu so a dheanamh, chuireadh asios an deigh cuid de 
na danaibh, aireamh a chaibdeil agus an rainn anns am faighear 
an Scriobtuir sin, a ta dearbhadh, daighnachadh agus a soiL- 
leireachadh, a ni a ta an dan a cumail amach. 

Ach athraiche, rinn Dia 'n a £ hreasdal uachdranaibh dhibhse 
air bhur teaghlaichibh fein. Uimesin gairmidh e gu cunntas 
sibh anns an t-siorruidheachd, arson an doigh anns ambheil sibh 
a togal asuas bhur cloinne. Agus ma tha sibh a gabh,-il sò 
gu cridhe, cha bhi sibh dearmadach, air a bhi gnathachadh 
gach meadhon tha ann bhur comas, chum eolas Criosduidh a 
cho-partachadh riu. 

Pharanta agus a luchd-teagaisg, cuimhnichibh gu'm faod 
Pol a bhi suidheachadh agus Apollos a bhi 'g uisgeschadh, 
àch gur e Dia amhain a bheir am fas. Air an aobhar sin, 
bithibh aig dian urnuigh gu'm beannuich Dia bhur saothar ann 
an teagasg an oigridh, le spiorad naomh nan uile ghras. 



EARAIL DO CHLOINN AGUS DO MHUINNTIR OGA. 

A Neach oig, co sam bith thu, Tha dian dhurachd agam air 
thus? bhi sona gu siorruidh anns na neamha. Ach leig dhomh 
innseidh dhuit nach ruig thu gu brach an t-ionad solasach sin, 
leobair, no Ie ni sam bitheile is urrainn thu dheanamh dhiot fein. 
Oir o'n uair a thuit Adhamh anns a ghàradh, cha robh aon d'à 
shliochd,an taobh machdo Chriosd, comasach, air ni sam bith 
a dheanamh saor o pheacadh, no choisneadh deagh-gheari 
Dhe; agus air an aobhar sin, is diomhain dhuitse a bhi saoilsinn 
gu bheil, no gu'm bi thusa comasach. — Guidheam ort, mà 
thaa bheag sambith do ghradh agaddo d'anamfein,thu ghabhail 
gu cridhe na scriobtuirean a ta 'g innseadhdhuit. — Gu'n do chail- 
leadh thu ann an Adhamh (a); Gun do dhealbhadh thu ann 
an euceart 's ann am peacadh (6); gu n d'rugadh tu aineolach 
mar loth asail f hiadhaich (c); gu bheil smuainte do chridhe 
amhain olc gach aon Ia (d); Gu bheil d'inntinn fheolmhor fla 
naimhdeas an aghaidh Dhia (<?); Uimesin, gu bheil thu 'n ad 
leanabh feirge (/); Agus mar beirear a ris thu nach f haic thu 
rioghachd Dhe gu brach. (g)—Is e so, ma ta, do staid a thaobh 
nadur: Aguè gun teagamh is staid thruagh i. Gidheadh buidh- 
eachas do Dhia, cha staid i a ta gun dhochas. Oir tre throc- 
air De, faoduidh tu f hathasd a bhi air db dheanamh 'n ad 
©idhre air sonà« sìòrruidh, tre chreidimh ann an Iosa Criosd.— 
Tha e air iarraidh ort spairn chruaidh a dheanamh gu dol a stigh 
air a gheata chumhann (/;); Agus is ann a chum do sheoladh 
gu umhlachd a thoirt do 'n àithne chudthromach so, a ta na 
dain a leanas, air an ullachadh. Ach thoir fanear, ma 's aifl 
leat gu freagradh iad a chrioch so, agus ma 's math leat iad a 
bhi feumail dò d'anàm, gu'n d'thigeadh e dhuit a bhi ga'n Ieugh- 
adh, ga'n cnuasachadh, agus ga'm faotuinn air do mheoghaht, 
cha 'n ann gu h-aotrom, mar oran faoin, ach le mor churam 
agus le dian urnuigh gu 'n deanamh spiorad Dhe, is urrainn d' 
inntiiin dhorch a shoillseachadh, am bdannachadh dhuit. 

Mar an cetidha 'n uair £ bhitheas cothrom agad, ach gù 
h-araid air la n?. sabaid, gabh do Bhiobul, agus faic anns an 
ordugh arihs am bheil iad air an cùir a sios an deigh na dain, 
na h-earranhah sin de na Scriobtuir' a ta dearbhadh agus a 
soilleirachadh na nithe a ta an dan a cumail amach; agus gleidh 
air do chuimhne iad, agus bi tric a meorachadh orra. 

(a) Faic Rom^ v. 12, 18, 19; 1 Cor. xv. 21, 22. (b) S .<lm H. 
5. (c) Iob xi. 12. (d) Gen. vi. 5. (e) Rom. viii. 7 (J) Ephea. 
ii. 3. (g), Eoin iii. 3. (h) Lucas xiii. 24. 



DANA. 

A CHEUD EARRANN. 



I. 

Md'n chruthachadh, mu leagadh an 
duine, agus mu shaorsa trid chriosd. 

1. O thusa Dhia, ' bha ann a riamh, 

'S nach criochanaich gu bràch; 
Thoir dhomhsa ciall, gu seinn le fiamh, 
Do mhiorbhuilean ro àrd. 

2. B'e tùs do ghniomh, an saoghal cian; 

'S e'n talamh gniomh do lamh; 

'S tu rinn na spèur, le guth do bheil; 

An cuan, 's na theid air snàmh; 

5. 'S tu rinn a ghrian, 's a ghealach fein; 
'S gach aon de n' rèultan àrd; 
Gach be'ach is èun, gach luibh is fèur, 
Gach craobh is geug ta fàs. 

4. Bha Spiorad Dhè a gluas'd gu trèun, 

'S an t-uisg' a geilleadh dhà; 
Gach uile ghnè 's a chruinne chè, 
Thug Dia dhoibh àithn gu fàs. 

5. 'Sin labhair Dia ri càch do 'n Triath, 

Ni sinn duin', 's ciall thoirt dha; — 
Reir coslas Dhia, bh'a thoil 's a mhiapn, 
'S bha'n domhainn fo riaghladh Aù'n'nahj 
A 3 



6i Gach ni iS dùH t&ak an tvsaogh'J, 
Ach meas aon chraoibh bhi slàn: 
'S an àm an ith thu dheth a meas, 

Thu fein 's do shliochd theid bàs. (a) 

7. Reic Adh'mh a chòir air làn a bheòil; (b) 

Sud abbhar bhroin gach àil; (c) 
Àch Criosd nam buadh, bha riamh làn truàis, 
Bi' throcair buan gu bracb; 

8. Lùb e a cheann fo 'n eallach throm, 

Bha'n gealltuinn do shliochd Adh'mh: (d) 
'S 'n uair thug e buaidh, chaidh thogal suas, 
Gu' chathair uasal àrd. (e) 
(a) Faic Genesis Caibi. airfad. (6) agusCaibiii. (c) 
Rom. v. 19; (d) Galat. iii. 13. (e) Philip. ii 5—11; 
Ephes.i. 19— 22. 

II. 
Mu Dhia, a kinn a ghrian AGUS aghealach. 

Leanabh. 
1. Dhearc linì a ghrianaig eiridh suas, 
O chùl nam beanntaibh garbh; 
'S mar thriall i suas gu àrd na spèur, 

Gun theich <in doròh air falbh; 
'Sin thaom an solus ìnach mu'n cuaiit, 
Cuir airgach machair mais is snuaclh. 

2. Co luath 's a chriochnaich ' ghrian a reis, 
Gun d'eirich ' ghealàch chaoin; 
'S na deighs' gun thaisbeananns na speur; 
Na reultan aon le h-aon. 



7 

Co ' rinn a ghrian 's a ghealach fèin, 
'S na reultan lionmhoruil' gu lair? 

Matkair. 
5. 'S e Dia, mo ghaol, le neart ro thrèun 
Rinn iad gu lèir air thùs; 
Leis ghleidheadh iad o thuiteam sios, 

Is riaghladh iad nan cùrs: 
'N Dia glòrmhor àrd tha gabhail tàmh 
Oscionn nan rèultaibh shuas air nèamh. 

Leanabh. 

4. Cia mor an Dia sin ann an neart, 

Tha 'g an carach' anns na spèur; 
Ro àrd tha e chum toirt fanear, 

Aon ghearan thig o'm bheul: 
O mhathaìr, innsibh 'n deonach leis 
Eisdeachdri leanabh òg mar mis? 

Mathair. 

5. Mo ghaol, gun teagamh, 's deonach kis. 

'S ged 'rinn e feachd na speur, 
Nabitheadh eagal idir ort, 

Nach cluinn e thu 'n a d'f hèum: 
Do leanabh beag tha lag is faoin, 
A bhitheas 'g urnuigh, 's mòr a ghaol. 

8. Seall air an nòinean iosal fann, 
'Bhios clann a saltradh sios; 
Seall air a chuileag os-do-chionn 

Bhios dannsadh anns a ghrian; 
Gedshaolas sinn iad suarach faoin, 
Tha Dia 'g an cumail suas gach aon. 



8 

7. Reisd * 's cinnteach mi gu'n deònaich Criosd, 

Taic is dion do chlannaibh òg ; 
'S on' f huair e bas, 's ann air an sgàth, 

Nach diùlt dhoibh gràs is glòir. 
Bi 'g urnuigh ris gun chlos gach là, 
Gus 'faigh thu 'n f hois a thig o ghràdh. 

Faic Salm viii. 2. Mata xxi. 16. xix. 14. Salm xxxw. 
11. Gnath-f hoc. viii. 17. Eclesiastes xii. 1 — 8. 



III. 

Thusa Dhe a ta 'g am fhaicinn. (2.) 

1. " Tha Dia 'g am f haicinn anns gach àitj" 
Air m'ainm 's mo nàdur 's fiosrach e; 
Dha 's eòl gach gniomh a rinn mo làmh; 
'S na smuainte ' ghabhas tàmh 'am chrè. 

2. Na'n cumadh clann do ghnà 'n am beachd, 
Co faisg 's tha Dia dhoibh re an ià, 

'S gurann an naomhachd tha a thlachd, 
'S gur fuathach leis gach lochd do ghnà; 

5. O cionnus idir b'urrain iad, 

Bhi mealladh cbèile ann an cluich, 
Bhi mallachadh rta 'g innseadh bhrèug, 
Na 'g ràdh ni eucoireach sam bith. 

4. Am fianuis duine diadhaidh, còir, 
Bi' curam òirn ciod 'their 's a ni; 

* uìmcsln, then,therefore. 



9 

'S nach eagal leams' an Ti ri mhòr 
Tha ghnà na f hianuis oirn 's gach ni. 

.5. A rèisd, 'n uair bhitheas agam dèigh, 
Air lochd a dheanamh dh'oich' na là; 
'Sin cuimhnicheam a steach mo chridh', 
" Tha JDia 'g amfhacinn anns gach aìt." 

Faic Salm cxxxix. 1 — 12; Gnath«f hoc.xv.3.Daniel ii. 22. 



IV. 

Breith Chriosd. (2.) 

1. Bà, bà, mo ghaol, bi tosdach, sàmhach, 
Aingle naomfa gu'n dian do shuain; 

Is beannachdan ro mhor gun aireamh, 
Tigeadh ort gach là anuas. 

2. Is mòr gur feàrr f huair thus' do chàireadh 
Air gach là o n' bha thu ann, 

Na f huair Mac Dhe, a ghabh do nàdur, 
'S e na naoidhean òg is fann. 

3. Do chreadhall tha i socrach, blàth, glan, 
'S cruaidh an t-àit 's na luidh do Dhia; 
Dar rugadh e measg eich 's a stàbull, 
Anns a phrasaich luidh esios. (a) 

4. A leinidh bheannuicht'! bha do nàdur 
Fiorghlan, bàigheal, stuaim, is seimfa: (6) 

Gu'n chòmhnuichthumeasg ciontaich stràiceil*(c) 
'S b'iongnadh so do aingìibh neimh. (d.) 

* ardanach. 



10 

5. Is ann chum spionadh clann o'n t-satan, 
'S chum an nàdur dheanamh nuadh, 
Rinn Criosd a chathair-rioghal f hàgail, 
Dh'f hulang nàire, bròn is truaigh'. (e) 

(a) Faic Lucas ii. 6, 7, 12, 16. (b) Eabh. vii. 26. Mata 
xii. 18—20. (c) Salm xxii. 12. 13. Eabh.xii. 3. (d) 
I. Tim iii. 16, I. Pead. i. 12. (e) Is. liii.4. 5. 6. Eabh. 
ii. 9, 10. 

V. 

FULANGAS CHRIOSD. 

1. Feuch mu mheadhon la tha ann, 

Oidhche dhorch gu h-obann, cas ! (a) 
Creagan spealgadh, 's crithair fonn ! (6) 

Ciod' o chlann is coireach ris ? 
Ciod is aobhar dhoibh so ' bhi ? 
— Bhàsaich Criosd air Calbhari. (c) 

2. Feuch an droighinn sàthte na cheann h (d) 

Faic a dhruim na spuaicean gort ! (e) 
Faic e crochte ris a chrann. (f) 

Call a shnuadh, a sgiamh, 's a neart ! (g) 
'S duth an gniomh a rinneadh leò, 
Chèus is mharbh iad Triath na glòir ! (h) 

3. Feuch ! o chrèuchdaibh is o thaobh, (i) 

Fhuil' ga taomadh sios gu làir ! * 
Cluinn e nis, le iolach ghlaoidh, 

'G aoraadh ' chinn, 's a faighinn bàs ! (I) 
Eisdibh ' chlann, is gheibh sibh fios, 
Carson ' leag Criosd a bheath' s ios. 
* air an talamh. 



11 

4. Esan bha na Righ gu h-àrd, 

Dh'f hàg e 'rioghachd arson uaigh: (»i) 
Umhlachd, fhulangas, 's a bhàs, 

Choisinn slàint' do chiontaich thruagh. (n) 
'S toigh leis clann ' bheir umhlachd dhà, 
'Ghreideas ann, sa bheir dha gràdh. 

5. Sibhs' bha truaillidh, salach, faoin, 

Thoill a chorruich naomh, 's a ghruaim; 
Sheall e oirbh le truas is gaol, 

'S chum bhur saoradh ghreas e nuas. 
Eisdibh,' chlann, 's e so 'n cion-fàth, 
'N d'islich Criosd e fein gu bàs. (o) 

6. Tlg a leinidh, reisd, le gaol, 

D'ùrnuigh dean ri Criosd, ag ràdh, 
" Maith mo chiont, is dean mi naomh, 

* 'S deonuich saors' dhomh trid do bhas. 
" Thaisbean thu do ghràdh do chlann; 
" 'N diult thu reisd, mo ghearan fann." 

(o) Mata xxvii. 45. (b) 51. (c) 50. (d) 29. Marc. 
xv. 19. (/) Eoin xix. 18. (g) Salm xxii- 14, 15. 
(k) Gxiiomh. ii. 25. II. Cor. ii. 8. (i) Salm xxii. 16 
Eoin xix. 54. (I) 30. (m) Is. ix. 6. Eoin xvii. 5 c 
Philip. ii. 6—8. (n) Is, liii. 4—6. II. Cor. viii. 9. Is^ 
xi. 1—5. Salm lxviii, 18. (o) Titus ii. 14. 1. Tim. i. 15. 
Eabh.x. 5,6, 7, 9, 10, 14. 

VI. 

CUNNART A BHI CUIR DAIL. 
1. Carson a shaolinn tuille 's luath, 
An diùgh, gu smuanach' mu na bhàsj 



12 

Tha iad co òg riùm anns an uaigh; (a) 

'S cbachinntgun d'fhuair mi seach an là s'. (6) 

2. Ma ni mo chridhe cealgach tàir, 

Air cuireadh grasmhor soisgeul Chriosd, 
Sin feudar m'f hàgal chaoidh gun ghràs, 
Chum m'ailghios truallidh chuir an gniomh. (c) 

3. Ciod 'dhèiris dhomh, ma mhionnas Dia, 
'N uair tha mi diùltadh striochdadh dha; 
Gun diùltar leis mo ghearan dian, 

'N uair thig orm tinneas, pian no bas ! (d.) 

4. Ciod 'dh'èiris dhomh ma lasas f hearg, 
'N uair dhiùltam tairgse de a ghras; 

*S gu'n tionnd a ghradh gu corruich gharg, 
'S gun buail emarbh mi anns an ait! (e) 

5. Gur cunnartach bhi brosnach' Dhia ! 
Oir meud a dhiogh'ltas co do'n eòl: (/) 
Grad chuiridh e le shlat a sios, 

Chum cràdh is pian, aindiadhaich og. (g) 

6. 'Sin bios e diomhan dhomh gu sior, 
Bhi tagradh dian mo chuir fa sgaoil, 
Cha'n f haigh mi ris air ais mo thim, 

'S gu brach cha'n f haic mi Criosd 'n a ghaol.(/i) 

(«) Iob iii. 19. (6) Gnath-f hocal xxvi. 1 Seum. iv. 14. 
Salm xc. 12. (c) Eabh.xii. 15—17. II. Tesal. ii. 10— 
1 2. Rom. i. 28. Lucas xix. 41, 42. (rf.) Eabh. iii. 15 — 
19. Gnath-f hocail i. 23— 31. (e) Salm ii. 12. (/) 
Salm xc. 11. (g) Salm ix. 17. (/*) Taisb. xiv. 10, 11 



13 



VII. 

A Bhuannachd a th'ann a bhi diadh= 

AIDH TRATHAIL. 

1. Is sona 'n leanabh dh'eisdeas tra, 

Ri teageasg neamhaidh fior; 
'S le 'm fuath an t-slighe pheacach, chlaon* 
Gu h-ifrinh dh'aomàs sios. (o) 

2. Ma bheir sinn suas sinn fein do Dhia, 

'N uair tha sinn òg is fann, 
Bheir Esan neart dhuinn gu bhi triall, 
'Na shlighe fein gach am. (6) 

3. Bi'dh seirbhis Dhe n'is socraich dhuinn, 

Ma thoisich sinn ri luath, (c) 
Ach daighnichear 'n an ciont gu teann, 
A chlann a bheir dhi fuath. (d) 

4. Ma ghabhas sinn 's an diadh'achd llachd, 

'N uair tha sinn sgairteal òg, 
Ni so ar dion o mhile lochd, 
'S ar cumail ceart 's an ròd. 

5. Ni so sinn bèusach, ciallach, stuaim, 

'N ar n-uile ghluas'd do ghna; 
Is togaidh e ar n-inntinn suas, 
Le buaidh thar eagal bais. (e) 

§ Thoir oirn' gu 'n coisrig sinn, a Dhe, 
Dhuit fein ar bliadhna og: 

B 



14 

'S bheir so dhuinn sòias agus sith, 
An cian a bhios sinn beo. 

7, Oir bithidh tu do d' chlann do ghna, 
Mar Athair lan de thruas; (f) 
Is anns gach trioblaid chruaidh is cas, 
Do ghras ni 'n cumail suas. (g) 

S. Thoir orms ' bhi 'g urnuigh agus seinn, 
'S bhi cinntinn ann an gras, 
Ni so mi feumail do mo linn, (h) 
Is deas air chinn a bhais. (i) 

(a) II. Eachdr. xxxiv. 1 — 8. agus 26 — 28. Salm cxi. 1© # 
Gnath-f hocail ix. 10. x. 27. xiv. 27. (6) Gnatb-f hocail 
viii. 17, iii. 5. 6. (c) xxii. 6. (d) viii. 56. (e) i. 9. 
Faic Gnath-fhocail caib ii. airfad; caib iii. 15 — 26. agus 
*v. airfad; vi. 20 — 25.viìi, 17 — 21. 52 — 55. Salm i. air 
fad; Is. iii. 10. Jer. xvii. 7. 8. (f) Salm ciii. 15. Jer. 
xxxi. 9. II. Cor. vi. 18. (g) Is. xliii. I — 5. Eoin xvi^ 
55. II. Cor.xii. 7, 8, 9. (h) Gnath-f hocail xv. 7. x. 21. 
Iob xxix. airfad; Salm cxii. 9. (i) Philip. i. 21. Taisb' 
xiv. 15. 

VIII. 

OlRDHEIRCIS A BhIOBUIL. 
1. A Dhe le iongnadh sheall mi fein, 
Air d'oibre trèun ro mhor; (a) 
Ach d'f hocal tha n'is mo na iad, 
Aig cuir an ceill do ghloir. (b) 

2. Na reultan soilleir anns n a speur, 
Bheir iadsan leus is iul; (c) 



15 

Ach d'fhocal maith bheir seèladh rèidh, 
Gu neamh nach leir do shuil. (rf) 

5. Tha raoin, a' cuir an ceill, le'm bàrr, 

Do bhàigh 's do mhaitheas chaomh; (e) 
Ach meas na beath' s na glòir tha fàs, 
'Na d'fhocal gràsmhor naomh. (/) 

4. An so, tha m' ionmhas thaght' an cleith, (g) 

An so, tha m'aoibhneas làn; (h) 
An so,a mhain, gheibh m' anam beath', 
Nach dibir mi gu brach. («') 

5. 'N ad lagh mo theagasg dean gu fior, (l) 

'S air m'eacoir thoir dhomh beachd; (m) 
'N ad shoisgeul faigheam slainte is sith, 
Is saors' o m 'uile lochd. (n) 

6. O d'f hocal teagaisg mi mu Chriosd, 

'S mar leig e sios a bheath, 
Chum m' anam thogal suas a ris, 

'Smo dheanamh naomh is maith. (o) 

7. Cha' n' eil aon leabhar fo an ghrianj 

Co fior ri leabhar Dhe; (p) 
Na dh'innseas dhuinn co ceart mu ghniomh, 
'S mu chomhairl dhiamhair neamh. (r) 

8. Thoir orms' gun d'thoir rni barrachd graidh. 
Do'n Bhiobul le mo chri; 
J S gun leugh mi ann le tlachd gach là, 
'S deth so nach f hàs mi sgith. 
B 2 



m 

(«) Iobxxxvii. 14 — 19* xxxviii. xxxix. xl» agus xlv, air 
fad. Salm cxi. 2. 3. Salm xix. 1 — 6. (6) 7 — ll.cxxxviii. 
2. cxlvii. 19. 20. Eoin v. 59. (c) SalmcxxxvL 7, 8, 9. 
Jer. xxxi. 35. Gniomh. xxvii. 20. (d) Rom. xv. 4, II. 
Tim. iii. 15, 16, 17. IL Phead. i. 19, 20,21. (e) Salm 
lxv. 9—13. cvij. 55, 36, 37. (/) Eoinvi. 63. (g) cxix- 
72. 103. (h) 162. Jer. xv. 16. (0 Seum. I 18. 1 Pead. 
K 22, 23. (I) Salm cxix. 18, 19, (m) cxxxix. 23, 24. 
(n) Ephes. i. 13. (o) Eoin xx. 31. (p) Salm xii. 6 
(r) Ephes.iii. 2 — 11. 



XI. 

MlSSFEACH GU BHI *G URNUIGH. 

1 . Tha mòraehd Dhè oscionn gach smuam j 

Tha e mar chuan gun chrioch: (a) 
'N a làthair anns na neamhibh shuas, 

Tha shluagh a slèuchdadh sios: (5) 
'S an deigh sin, faoduidh leanabh ràdh, 
O m' Athair, is mo charaid graidh ! (c) 

2. 'S e rinn na neamha os ar cionn, 

Le'n uidheam ghrinn gu lèir; 
'S e rinn an saoghal so, 's na th'ann; 

Le f hocal buadhach trèun: (d) 
'S gidheadh cha diùlt e leanabh òg, 
Bhios 'g ùi nuigh arson gràs is treòir. (c) 

5. Na h-air:gle lionmhor tha 'na làth'r, 
Ag seinn le 'n clàrsaich' òir, 
Ni iads' an gnùjs a chuirfo sgàil 
Ilo dheàrsadh dian a ghlòir: (e) 



17 

'S gidheadh do 'n leanabh, bheìr e cluais, 
Bhi's cuir a ghearan tric a suas. (c) 

4. Is mòr a ghràdh do leanabh fann, 
Bhios 'g iarraidh cridhe nuadh:— 

Do ionnsuidh theid mi fein gach àm, 
Chum m'iundrain ' dheanamh suas; 

Is iarram creidimh, gradh is eud; 

'S gach gràs a choisinn Criosd d'a thrèud. 

(fi) Iob xi. 7 — 9. Salm xlv. 5. Salm cvi. 2. Iob xxxvi. 26. 
(b) Taisb. v. 11—14. Salm ciii. 20,21. (c) Jer. iii. 4. 
Mata xix. 14. 15. Marc. x. 14—16. (d) Eoin i, 5. 
(e) Isa. vi. 2. 3. 

X. 

LEANABH GEARAN AIR SMUAINTIBH SEACH» 
RANACH AGUS FAOIN ANN AN URNUIGH. 
1 'N uair lùbas mi, gach la, mo ghluin, 
Chum m'ùrnuigh chuir a suasj 
Mar d'thig na briathran o mo chri', 
Cha tabhair Dia dhoibh cluais, (a) 

2. Gidheadh bi' diomhanas 'n am ruin, 

'N am ùrnuigh is 'n am sheinn; 
Is tric mi smuanach' fad na h*ùin', 
Air nithe faoin gun suim. 

3. Bi' cluich gun diù, na dàbbais * f haoin, 



■Toys, playthings, trifles. 
B 3 



18 

Ged bhuineadh dhomh le m'uile chri , 
Bhi 'g iarraidh Chriosd mar shealbh. 

4. Na bitheam tuillidh a so suas, 

An aoradh gluas'd gu fiar; 
Ma gheibh na smuainte diomhan rum,* 
Cha'n èisdear rium le Dia. (b) 

5. Ma ghabhas flii'na sblighe tlaehd, 

Reir cleachdadh clann tha naomh, 
N uair dh'iarras mi e lc mo bhèul, 
Mo chri' bi' dhà na ghaol. (c) 
(a) Deut. xxxviii. 47. 1 Sam. xvi. 7. Gnath-fhoc. xxiii. 
26. iv. 25. Esec. xiv. 5. (b) Salm lxvi, 18. Isa. 1. 11, 
12, 15. xxix. 15. 14. Eoin iv. 23, 24. (c) Mata vi. 20. 
21. 



XI. 

LEANABH A' GEARAN AIR DROCH CRIDHE. 

1 . A Thighèarn ciod ni leanabh faoin, 
Rinn ciont chuir ann an daorsa thcann, 
Tha ioma olc a steach a'm chri', 

Nach saolinn uair-egin a bhi ann. 

2. Tha m' nàdur crosd, 's mo chridhe, cruaidh, 
'S mo smuainte luaineach, diomhan r faoin, 
'S ni buaireadh beag, mo bhrosnach' suas, 
Gu iomadh aigne thruaillidh,chlaon. 

5. 'N ùair sheallas mi air d'aithntibh ceart, 
'S dcarbt' gun bhris mi iad gu lèir: 



19 

'S tha'n scriobtuir naomh ag innseadh dhuinn 
Gu'n thoill gach peacadh corruich Dhe. 

4. Gidheadh 'n uair lùbas mì mo ghluin, 
Chum m'ùrnuigb, anfhann, chuir a suas, 
Bi smuain mu chluich, no ni gun diù, 
Ag goid mo rùin, 's aig faotuinn buaidh. 

C. Air ioma sàbaid chuala mi, 

Mu f hirinn Dè, 's mu shoisgeul Chriosd; 
Gidheadh cha d' f huair iad rum * a'm chri, 
Mar nithe glòrmhor, priseal, fior. 

6. O seal-'sa orm le suilibh truais, 

'S mo chridhe cruaidh dean nuadh le gràs, 

Is m' inntinn aotrom tog asuas, 

Hi nithibh neamhaidh, luachmhor, àrd. 

7. Tha mi dhiom fein gun neart, gun treoir, 
Chum 'n obair mhòir so thoirt gu criochj 
Ach, Thighearn', teagaisg Thusa dhomhs', 
Fior eòlas tearnaidh ort ' an Criosd. 

XII. 

BUIDHEACHAS ARSON TROCAIREAN SpIORAD- 
AIL AGUS AIMSIREIL. 
1. 'N uair thachras dhomh bhi dol mu'n cuairt, 
Sin chi mi iomadh truagban taoin; 
Ciod' dh'iocas mi do Dhia nam buadh, 
Arson na fhuair mi uaidhdo mhaoin. 



20 

2. N' is mò na cach cha d' thoill mo ghniomhj 
Ach Dia bhi fial o dheagh-ghean fein, 
Oirth'agams lònjis iads' gunbhiadh, 

O thigh gu tigh ag iarraidh dheirc. 

3. Cia iomadh leanabh tha gach là, 
Lom luideagach, ag dol mu'n cuairt; 
Is mis air m'èideadh, reir mar 's àill: 
Is air mo chumail blàth o'n f huachd. 

4. Is gann gur urrainn iomadh radh, 
Gu bheil ac' ionad tamh na clos; 

Ach 's leamsa dachaidh thaitneacb, ghràidh, 
Is ìeabaidh bhlath 's an gabh mi fois. 

5. Am feadh, a dh'iunnsuich mòran òg, 

Bhi goid, 's le'n deoin, bhi 'g innseadh bhreug 
O Dhè, cha d'eagal theagasg dhomhs', 
Is eòlas air do naomh thoil fèin. 

6. Nach iad so uile la an deigh la, 

Do dheagh-ghean gràidh dhomh oscionn chàich^: 
O deònich gràs, gus 'n d'thoir mi gràdb, 
Is umhlachd dhuit scach là n'is feàrr. 



XIII. 

Arson la na Sabaid. 

'S e so an là 's an d'èirich Criosd, 
Gu moch o'n uaigh le buaidh;— (a) 

C'arson a chaithinn ' mhaduinn naomh- 
Gun chùram ann an suain ? 



9X 

'S e so an la 's na bhriseadh leis, 
Bainn ifrinn is a bhàis; («) 

'S fo chuing an t- Satain 'n gabh mi fbis, 
Gun iarrtas arsan gras? 



Chum striochdadh dha. le tlachd; (6) 
! S nach triall mi fein, gus faigh mi cialL 
'S fior eolas air a reachd l (c) 

4. 'N diugh fagaian m gach sugradh faoin, 

Chum smaointeachadh air neamh; (d) 
Is bith' mi 'g ùrnuigh, leugh', 's a seinn, 
Mar bhios a mhuinntir naomh, (e) 

5. Gidheadh bi m'aoradh truaillidh, faoin, 

Mar f haigh mi Spiorad Chriosd, 
Gu m'anam bheothachadh le gaol, 
Do nithe naomh an Triath. (/) 

6. Thoir orms' gun gabh mi tlachd bhios rnor, 

'N ad là oscionn gach là; (g) 
'S gu seachainn mi gach aon de'n t-seors, 
Nach coimhead e le gradh. 



(a) Mata sxviii. air fad. (b) Gniomh. xs. 7; 1 Corint 
xvi. 2. (c) Salm lxxiii. 16, 17. lxiii. 1, 2. (d) lxxxk. 
1, 2. xxvii. 4. xlviii. 9. (c) xxix. 9. (/) Eoin xv. 5. 
Sechar. xii 10. (g) Isa. lvi. 2, 6, 7. lviii. 12, 1.3, 



XIV. 

An Aghaidh Connsachadh agus Sabaid. 

1. Biodh Coinledreun, a gearradh chèil', 

Chuir Dia an gnè sin annt'; 
Biodh leomhain bèucail, leòn 's a creuchdadh, 
'S a rèubadh threich le sunnd. 

2. Ach 's coir do chlann, le deòin gach am, 

Bhi ceannsachadh am feirg. (a) 
Cha d'f huair iad riamh, aon lamh o Dhia, 
Gu deanamh gniomh le aing. * 

Z. Tha eòin na coill, 's iad còmhladh cruinn, 
Ag còrdadh binn nan nead; 
'S nach ni ro nair' 'measg clann aon mhath'r ; 
Bhi gleachd, le stràic, f 's bhi trod. (6) 

4. Tha'n deamhan buaireadh, clann gu tuasaid, 

'S gu bhibualadh dhorn, (c) 
Mar theg e Cain, leis an ardan, 
Gu mort a bhràthair còir. 

5. O maith, a Dhe, na th'annainn fein, 

De mhi-rèit' na h-òige; 
Thoir dhuinn gach là n'is mo do ghràdh, 
Chum sinn f has n'is stòilte. (d) 

(a) Salm xxxvii. 8. Eccles. viii. 9. Gnath-f hoc. xv. 1, 
18. xvi. 52. (6) Salm cxxxiii. airfad. (c) Ephes. ii. 
2. (rf) Rom. xiv. 19; 2 Tim. ii. 22; Eabh. xii. 14. 

* gu crosda, perversely. \ ardan, pride. 



XV. 

An aghaidh a bhi fochaid, agus a bhi 'g 
eighach droch ainmean. 

1. Ar teangean thugadh dhuinn, air tus, 

Chum bhi toirt cliù do Dhia; (a) 
'S cha'n ann gu tabhairt bèum do dhaoin', 
Le briathraibh faoin gun chiall. (ò) 

2. 'N uair bheir neach eile tàmailt dhomh, 

No ni iad fanoid orm, 
Tha 'm Biobul naomh aig toirmeasg dhomh, 
Nach gairm mi dhiù droch ainm. (c) 

3. Ach clann mhi-naomh a bhios gu dàn, 

Le tàir ag atharrais 
Air daoinibh maith, no nithe naomh, 
Ni Dia an sgathadh as. (d) 

4. 'N uair rinneadh roimhe so le clann, 

Aigàra an sugradh fhaoin, 
Elisha chaineadh, 'g radh nan cainnt, 
" Gabh romhadsuas chinn mhaol." 

5. Chuir Dia gu h-obann as a choill, 

Da mhathan * allta, chrosd', 
A reub an cuirp; s' a chuir le bàs, 
Am beòil, gu brach, nan tosd. (e) 

6. Dhia mhor! cia uamhasach Thufein, 

Do pheacaich shean is òg: (/) 

* Mkangan, Mhath-ghamhuinn, 



24< 

O ! teagaisg dhomhs' bhi cumail srian, 
Aìx briathraibh cainnt mo bheòiL (g) 

(a) Salm xxxv. 28. xxx. 12. tha " mogloir" annsan rann 
so a' cialluchadh, mo theanga; Gnath-fhoc. x. 20, 21- 
(6) Seum. iii. 8, 9, 10. (c) Rom. xii. 14, 17, 19 — 21. 
1 Phead. iii. 9. (d) Gnath-f hoc. ix. 12. xix. 29. xxiv. 
9. iii. 34. Is. xxviii. 22. Iudais 18. (e) 2 Righ ii. 23 — 
25. (/) Deut. x. 17. Salm lxvi. 3. 5. Eabh. xii. 29. 
(g) Salm cxli, 3. 4. 



XVI. 

An aghaidh miònnan. 

1. Na h«ainglean fiorghlan ann an glòir, 
Tha iad ag aoradh dhuit, a Dhe; (a) 
'S tha deamhnan ann an ifrinn shios, 

Air chrith, fo phian do chorruich ghèur. (6) 

2. Gidheadh bi clann, gu ladurn', dàn, 
Aig deanamh tàir air d'ainm ro mhòr, 

'S nuairtha orr' fearg, 's e dhoibh is gnàtb, 
Bhi mionnan, 's càineadh cbaich do'n deoin. (c) 

3. O cionnus 'dhuthas 'n gruaidh le nàir', 
'N uair thig iad ann ad làth'r gu binn; 
Oir ni thu 'm fuadach gus an ait, 

'S an d'theid an cràdh o linn gu linn. (d) 

4. 'S cha'n f haigh iad sin, aon bhraon de uisg, 
Chum pian an teangan chuir gu sàmh; (e) 



25 

Ach molams' thu, an so, le dùil, 

Gu seinn mo theanga cliù air neamh. (J) 

5. Bi' ormsa bròn 'nuair ni droch clann, 
Air ainm an Tighearn' luaidh le tàir; (g) 
'S e'n Ti ro mhor,'scuis eagal leam,, (h) 

'S e'n Ti ro naomh, do'm buin mo ghràdh. (i) 

6. Mo dh'fhàsas clann do'm bheil mo ghaol, 
Mi-naomh 'n am briathraibh no 'n an gniomh, 
'Sin cuiream cùl riù, 's ris gach aon, 

Bhios deanamh tàir air saorsa Chriosd. (k) 

(a) Isa. vi. 1—3. Taisb. v. 11, 12, vii. 11, 12. (b) 
Seum. ii. 19. Tais. xx. 10. (c) Rooa. iii. 12, 13, 14. 
Titus. iii. 3. (d) Salm lix. 1 2. Sechariah v. 5, 4. Jer. 
xxiii. 10, 11, 12. Hosea. iv. 1 — 6, Mala. iii. 5. Taisb. 
xxi. 8. (e) Lucas xvi. 22 — 26, (f) Salm lxxii. 2. 
Salm xxiiì. air fad. (g) Salm cxix 55. 136, 158« 
(h) Salm cxix. 120. 136. (f) Deut. vi.5. x. 12. Mata 
xxii. 37. (k) Salm cxix. 115. cxxxix. 19. 20. 

XVII. 

An aghaidh Breugan. 

1. Gur cliùiteach, maiseach, ann an clann; 
Bhi gluas'd gu bèusach, direach, stuaim, 
'S a 'g radh na firinn aig gach am; 

Oir gheibh an cainnt-san creideas uainn. 

2. Ach breugairean, cha chreidear leinn, 
'Nuaif dh'innseas iad an ni tha fior; 

c 



26 

Is nithear tàir orr' anns gach linn, . 

Mar mhuinntir shuarach,chealgach, fhiar. 

Z. Nach cuala sinn, 's nach d'f huair sinn fios, 
Gur gràin le Dia gach cealg is breug; (a) 
'S gun' mharbhadh Ananias leis, 
'N uair ghlacadh e le cealg 'n a bheul. 

4. 'S gun d'rìnneadh leis Sapphira chlaon, 
A chaochla grad, gu bàs a's ùir, 

'N uair dhaighnich i a bhrèug mhi-naomh, 
A 'rinn a companach an tùs. (o) 

5. Ach 's toil le Dia gach aon a bhios, 
Ag radh na firinn ann an gradh: (c) 
Ach tilgidh e gach breugair sios, 

Gu teine siorruidh chum a chràdh. (d) 

6. Reisd, cumam caithris air mo bheul, (e) 
Mu'n d'thoir e leir-sgrios air mo cheann; 
Oir gleidhidh Dia fior chunntas geur, 
Air gach breug a dh'innseas clann. 

(a) Gnath-fhoc. vi. 19. xii. 22. (b) Gniomh. v. I — 
11. (c) Salm xv. 2. li. 6. (d) Gnath-f hocail xix. 
9. Taisb. xxi. 8. (e) Salm cxli. 3. 

XVIII. 

AN AGHAtDH MEIRLE. 
1. Carson a ghoidinn o mo nabuidh, 
Bheag no mhòr de chòir no chuid ? 



27 

Arson deagh ghniomhaibh f huair mi lamhan; (a) 
'S truagh mi reisd mo bhios mi goid. (6) 

2. Gur amaideach bhi idir saoilsinn, 

Buannachd f haotuinn le droch rian: (c) 
Gach ni a f huaras leis a mheirle, 
Tionnduidh e gu nair' is pian. (d) 

5. 'S tric a chi sinn leanabh oigeal, 
Toiseachadh ri meirle chrion, 
'S a fas n'is meas 's a ghniomh mhi-òrdeal, 
'S ròp na croich gu chuir gu crioch. (e) 

4. Cha bhi a mheirle chaoidh am folach, 
Dh' aindeoin comas luchd na sannt 

Bheir Dia an gniomh, nathim * gu solus, (/) 
'S ni e peanas orr' nach gann. (g.) 

5. Gleidh mo chri, a righ nan-uile, 
Dean mi toilichte le mo mhaoin; 
Eagal gan gabh mi ni nach buin domh, 
Dean mo chumail ann ad ghaol. 



(a) Iob xvii. 9. Salm xxiv. 4. Gnath-f hocail xxxi. 
13, 20, 31. (6) Ier. xxv. 7. Salm xxvi. 10. Gnath- 
f hocail xù\ 14. Hab. ii, 9. (c) Gnath-fhocail xxviii, 
8. Ier. xvii. 11. (d) Iob. xxiv. 16, 17, 24. Micah ii. 
2. 5. (e) Gnath-f hocail xxix. 15. (f) Ecles. xii. 14. 
(g) Salm xxxvii. 9. 1. 18, 21. Sechariah v. 3. 4. 



! am. 

c 2 



28 



XIX. 

An aghaidh ardan as trusgan no aodach ur< 

1. Carson athogt' ar n-inntinn suas, 
Le aodach ùr, aig meud a luach ? 
Cha ro aon trusgan ann a riamh, 
Mu'n deach an ciont a chuir an gnìomb. 

2. An uair rinri Eubh' gu dona, dall, 
An trusgan neo-chiontais a chall* 
Bha'ii comhdach chuir i uimp 'n a ait 
Mar earlas cinnteach air a bhas. 

3. Gidheadh, th'a clann, le cridhe cruaidb, 
As 'n earlas so aig deanamh uaill; 
'S a taisbeanadh nach mòr am miagh, 
Air trusgan firinnteachd o Chriosd. 

4. Nach mòr ar prois, 's nach faoin ar beachd, 
Ma 's aodach rimheach lion ar tlachd; 
'Sgun chaith na caoraich, is na h-uain, 
An còmhdach sin' a dhuisgar n-uaill. 

5. 'S e ròs nan lios, 's an torman-dè, 
Is sgiamhaich' deis, gu mòr na mi. 
Is iads'air 'bheil an t-èideadh 's ailt', * 

Bheir eòin is blàthan orra barr, 

6. Reisd, iarramfein arson gach ni, 
Ni maiseach m'inntinn is mo chri: 

* (no) 'sfearr. 



29 

'S iad eòlas, firinn agus gras, 
Na trusganan, gu mòr is fearr. 

7. Bheir iad so barrachd ann an sgiamh, 
Airtrusgan aodaich' bh'ann a riamh; 
Air soills' nan lèug' aig mèud an luach, 
'S air mais nan ròs, is aillidh snuadh. 

8. 'S iad so an t-èideadh th'anns na nèamh, 
Air an'maibh dhaoin' is ainglibh Dhè: 
Chuir Criosd an còmhdach so air fein, 

'N uair bha e chòmhnuidh fo an ghrein. 

9. Cha'n f has e sean,'s cha tig air toll, 
Cha ghabh e smal, 's cha'n f has e lom, 
'S mar theid a chaitheamh, 's ann is mo, 
Theid e am feothas air gach doigh. 

10. O ! Ios' air sgath do thruas 's do ghradh, 
Deonvùch dhomhs' an trusgan aigh; 
Air m'anam chuireas mais is sgèimb, 
'S a bhios na earlas dhomh air neamh. 



XX. 

CuiMHNEACHAN AIR CAOIMHNEAS MaTHAIREIL. 

1. Co dheòthal' mi o cicchaibh tlath, 
'S a chuireadh mi gu fois is tamh, 
Co phòg mo ghruaidh le pogibh graidh ? 

Mo Mhathair. 
c 3 



80 

S.^Co shuidh le curam * os-mo-chionn, 
'S mi anns a chreadhall beag is fann, 
'S a shileadh deòire f ghraidh 's an am ? 

Mo Mhathair, 

5. 'N uair thrèigeadh codal rèisd mo shiìil, 
Co sheinneadh dhomh mar inneal chiuil, 
Gu m' chumail tosdach agus ciuin ? 

Mo Mhathair. 

4. 'N uair ghlacadh tinneas, mi no càs, 
Co shealladh orm le suilibh lan, 

'S bhiodh eagalach gu faighinn bas ? 

Mo Mhathair. 

5. Co theagaisg dhomh gach cluich gun lochd, 
Thug dhomh gach ni 's an robh mo thlachd, 
'S a f hreagar mi do reir mo bheachd ? 

Mo Mhathair. 

6. Co ruitheadh 'n uair a thuitinn mhain, | 
Gu m' thogal 's gu mo chuir mo thamh, 
'S a phògadh an t-ait gu dheanamh slan ? 

Mo Mhathair. 

7. Co theagaisg dhomh 'bhi 'g urnuigh tra, 
'S do leabhar Dè 'bhi tabhairt gradh, 

'S bhr triall air sligh' a ghliocais aigh? 

Mo Mhathar. 



gu gaolach, f dcoir. \ sios, 



31 

8. 'S am faod e bhi, nach deanar leam, 
Caidreamh is caoimhneas ruit gach am, 
A bha co an'bar caoimhneil rium ? 

Mo Mhathair. 

9. Cha'n fhaod, cha'n f haod, ìs annam truas, 
'S ma chumas Dia mo bheatha suas, 

Cha bhi do chaoimhneas dhomh gun duais, 
Mo Mhathair. 

10. 'N uair bhios tu anfhann lag is liath, 
Mo ghairdean fallain ni dhuit dion; 
Is bheir mi sòlas dhuit 's gach pian; 

Mo Mhathair. 

1 1 . 'S nuair chromas tinneas sios do cheann, 
Air do leabaidh thig mi teann, 

Is frasam deoire bhroin nach gannj 

Mo Mhathair. 

1 2. Oir Dia ta thamh oscionn na spèur, 
Ga sealladh e le corruich gbèur, 
Nan deanainn tair gu brach ort fein,, 

Mo Mhathair. (a) 



(«) Cuimnich an cuigeamh aithne. Faic Gnath- 
f hocal xv. 20. xxiii. 22. xx. 20. XXX' 17. 



32 

XXI. 
Oran Maidne. salm xcii. 1. 2. 

1. Mo Dhia, cia anmhor dhomh do gràdh! 
Do thiolacan tha ùr gach là; 

Do throcair pailt tha teachd anuas, 
Mar fhrasaibh seimh, air feurgu luath. 

2. 'S tu sgapas dorchadas nan speur, 

'S a ghleidheas tear'nt do phobull fein; 
Gach oi'ch is latha tha thu ìeo. 
'S e d'f hocal tha ga'n cumail beo. 

5. Bhehinn a Dhe dhuit suas gach buaidh, 
Gach la an taobh a bhos do 'n uaigh; 
Oir tha do thiolacan thar smaoiu, 
Do ghineil aingidh chlann nan daoin- 

XXII. 

Laoidh Fheasgar. Salm iv. s. 

1. Air sgath an Ti d'am bheildo ghradh, 

O Dhe ! gabh dhiomsa truas; 
'S mar iobairt fheasgair ann ad lath'r, 
Nis eireadh m'urnuigh suas. 

2. Trid chunnartaibh an la guleir, 

Do lamh rinn dhomhs' an t iul; 
'S o d' shaibhreàs dheasaich thudo'm fheum 
Is m'easbhuìdh chuir air chul. 

3. Tiolacan loinmhor tha do lamh, 

A dortadh orm gu fial: — 



33 

Ach, O cia beag do thaing, 's do ghradh, 
A dh'ioc mi dhuitsa riamh. 

4. O doirt gu pailt do ghras anuas, 

Is dean mi nuadh gu tur, q 

Thoir dhomh fior chreidimh anns an Uan, 
A choisneas buaidh tre' f huil. 

5. Mar so air m'ùrach' le do ghras, 

Luidheam asios gu suain; 
'S cha 'n eagal domh o innleach namh, 
'S mi 'n uchd a ghraidh. bhith«bhuan. 

XXIII. 
Feasgar Samhraidh. 

Bu mhaiseach an la bh'ann 's bu dhealraeh a ghrèin; 
Bu thaitneach *s bu shiubhlach a curs' ann na spèur, 
Ged dh'eìrich i 's a cheò 'n uair a thòisich a rèis, 

Ghrad theich na neòil sin le blath uisge min. 
Tha nis an trèun chursair aig neòil ard an iar; 
' S mar chrom i' s na speuraibh, gu'n mheudaich a sgiamh, 
Tha i dath na slèibhtean, 's na speur' 'n a dol sios, 

Toirt cinnt dhuinn gun eirich i dealrach a ris. 

Mar so tha'n deagh Chriosduidh 's an diadhachd a triall; 
Mar ghrian anns a cheò, tha e 'm bròn le dhroch gniomh; 
Leaghaidh e gu deòir, 'n sin fadheòidb thig air sgiamh, 

Is siubhlaidh e gu fòil air an rod ann an sith. 
'S mar bhios e 'na churs teannadh dlu air a bhas, 
Mar ghrian 's an dol sios a tha chiat-fachd a fas, 
Toirt cinnt' a bhios fior dhuinn ag criochnach' a la, 

Gun èir/ch e n'is sgiamhaich 's n'is dealraich a ris* 



3* 



XXIV. 

Mu Fhlathanas. 

1. Fad as o shaoghal dorch nan deoir, 

'3 am bheil ar comhnuidh nis, 
Tha ricghachdsgiamhach,shiorruidh, mhor, 
Tha lan de ghloir, 's de mhais. 

2. Thir thaitneach chèin ! na 'm b'aithne dhuinn, 

Ach leth do shòlas ard, 
Ar cuairt air thalamh b'f hada leinn, 
Gus 'n ruigeadh sinn d'uil' aigh. 

5. An sin cha bhi aon nèul bheir gruaira, 
Ach solus buan gun sgail; 
Oir ciont, ceud-thus gach bron is truaigh', 
Cha'n inndrinn suas gu brach. 

4. Cha bhi ann la is oidhch ma seach, 

Na grian le teas ro dhian; 
Ach gloir o'n chathair 'sgaoiladh machj 
Gu h-aobhach, latha sior. 

5. Ocras no tart cha bhi an sin, 

Na uireasbhuidh n'is mo; 
Oir Manna neamhaidh th'ann gu fial,- 
'S an t-uisge fiorghlan beo. 

6. Cha bhi aon ghearan ann gu brach, 

Air tinnis, cradh, no claoidh; 
Tha slaint' neo-bhasmhor ann fo bhlatb, 
Is sonas ard a chaoidh. 



85 

7. An sin bith' eolas agus gaol, 

Ag dusgadh ceol ro bhinn; 
Is togar ann do'n Trionaid naomh, 
Ard luadh-ghair feadh gach linn. 

8. A Dhe thoir orms' gu striochd mi tra, 

Do d' shofsgeul grasmhor, caomh, 
A chum, tre Chriosd, dar thig am bas, 
Gu meal mi d'Aros naomh. 

XXV. 

Mu Ifrinn. 

1 . 'S na spèurah gu h-ard, 
Tha neamha ro aigh, 

Le aoibhneas le gradh agus eeol; 

Is clann a f huair gras, 

Dar thig orr am bas. 

Theid dhachaidh gu pharras na gloir. 

2. Tha ionad ann shios, 
Le duibhre gun chrioch; 

Chum peanas is diol do luchd uilc; 

Arson gach droch gniomh, 

A chiontaich iad riamh, 

'N aghaidh aithntibh 'n Dia tha ro ghlic. 

5. Bi teine ro dhian, 

'S neo bhasmhorachd shior, 

Mar shlabhruidhean iar'nn agus prais; 

'S an glaisear le Dia 

Truagh pheacaich gu'm pian 

'An comunn nan Diabhlan, gun f hois. 



36 

4. Bith'm 'g urnuigh ri Dia, 
Le durachd ro dhian, 

Gu'n deonaich e ciall dhomh, na tbra, 

Bheir eolas bhios fior, 

Air m' f heumas * air Criosd, 

'S ni m'anam a lionadh le gradh. 

5. 'S ni m'umhlachadh sios, 
Le curum is fiamh, 

A'm ghiulan, 's a'm ghniomh, air gach Ia^ 

'S bheir soillearachd f hior, 

Do m'anam gaeh tiom, f 

Gu'm buin mi do Chriosd, tre a ghras, 

6. 'S nach tuit mi a sios, 
Gu ionad a phian, 
Dar chuireas mi crioch air mo lo; 
Ach m'anam le gradh, 
Le mais agus agh, 
Theid dhachaidh gu pharras na gloir. 

* air nifheum. •}• am 



CIUOCH A CHEUU EARRANN. 



D A N A 



AN DARA EARRANN. 
ARSON MUINNTÌR AIG GACH AOIS. 



Ged bhiodh an Criosriuidh 'na luidh am prinsun, 

Gu docrach, iotmhor, gun bhiadh, gnn sùlaint'; 

Ni'n Soisgetil siorruidh, tre bheannachd Iosa, 

A chridhe tioral,, te fior ghean graidh. 

Ged rihuisg a namhaid geur leanmhuinn Craiteach, 

Gun aon chioafath air, ach g»aOh is sith} 

Tha ehridhe aoibhneach, tha ghnuis ro aoidheil; 

Tha dan is laoidh aig gach oidnch guu dith. 

MAC GRIOGAIR. 



An Dia siorruidh. 

1. Bha agadsa Dhia, do bhith, 

mu'n robh airnsiv idir ann; 

Mun do lion na duilean * mor 

an ionad cònui' nacb gann: 

2. Mun d'imich an talamh trom 

ann an uidhe lom nan speur; 
Mun do thoisich fathasd cuan 
air luasga' na leabai' fein; 

3. Mu'm faca oi'che nan cian 

aon ial f do'n t-solus aghor, 
Mun d' f huair na speuran an dreacb, 
no feachd nan reultan aillidh: 

4. Mun d' f huair na flaithis avn bitb, 

's na saoghail iomad mu'n cuairt, 
Mun d' imich a' ghrian aoibbinn 
feadh astar nan speuran shuas: 

5. Mun cuala talla na neamh 

fuaim nan ceud aingeal a' seinn, 



* the elements. f sun blink. 

D 



38 

Mun f hreagair an iaimailt ard 
do f honn an clarsacha binn: 

6. Mu'm b' f hianuis duine no aingeal, 

O Dhe air do gloir, 's do sgiamh, 
Do ghloir bha iomlan is d' àgh, 

Gun sgail air do mhorachd a riamh: 

7. 'S an deigh do phruip an t-saoghail 

aomadh gu h-ath-bhuailt asìos; 
An deigh d'an chruthach' aluinn 
pilleadh gu h aibhist aris; 

i. 'N deigh do'n ghealach a cursa. 
's do 'n reultaibh an iul a chall, 
An deigh do ghrian an athair 
bhi 'g iarrui' 'a rathad gu dall; 

9, Tha Thusa, gu siorruidh buan, 
air cathair nach gluais. a Dhe; 
Do bbith 's do bhuadhan gun chaochla 
feadh shaoghal nan saoghal cein. 

II. 

Cliu o oibre Dhe. 

1 . Tha feachda flathaii nan neamh, 

a' striochdadh, a"Dhe, 'nad là'ir; 
'S do mhola 'nam beul 'ga luaidh 
le ceiliribh buadhach ard. 

2. Ach 's cian ro f hada fo d'ghloir 

mola r>au slògh so gu lèir: 
Cia gearr mata air do bhuaidhibh 
luaidh thig o bhileachaibh crè ! 

3. Gidheadh am fan sinne 'nar tosd, 

's gach duil a' nochda' do chliu; 
'Sco-sheirm aig t oibre lecheil 1 , 
mar theadaibh deagh innil chiuil. 

4. Tha soluis dbealrach nan speur, 

'nan ceumaibh astarach, dian, 
Gu balbh binn a' cur an ceill 
do ghloir 's do J^horachd a Thriath ! 



39 

5. Tha dealra' na maidne moich 

air nialaibh soir, * ag innsè' 
Gur maisieh' thu feiti gu mor, 
na 'n solus a dh' òr an iarmailt 

6. Tha anail bholtrach nan ròs, 

is bla ro bhoidheach nan lus 
A' taoma' tuis ro chùbhri' 
dhasan a dhùisg iad o'n dus. 

7. Ceol nan eun is fead na gaoith, 

is torman aomaidh nan sruth; 
Gun binn co-f hreagartd'a cheil.' 
ga d' mholaan-sa, Dhe, le'n guth. 

8. Mar so tha t-uil' oibre, Dhe, 

ag sior chur an' ceill do chliu; 
S' ma bhiomsa 'n am measg am thosd 
biodh mo theanga nochd gun lùth, 

■•«— <<^>->- 
III. 

AN LAGH NAOMH, NO 

Na Deich Aitheanta — Ecsodus xx. 3, &c. 

1. Do Dhia seach mi na striochd do rùin, 

2. Do iomhaigh ghearrt' na lub do ghlùin. 

3. M'ainm mor na luaidh gu diomhan faoin. 

4. Ma Shabaid coirahid i gu naomh. 

5. Do 'd pharantibh thoir urram ceart. 

6. Gach gamhlas seachainn 's teich o mhort. 

7. Neo ghloìn no adh'ltrannas na dean. 

8. O Ghaduigheachd cum saor thu fein. 

9. Na labhair breugan sgainnileach. 

10. Na sanntaich cuid do choimhearsnaich . 

* moil an ear eastern clouds. 
D 2 



40 



IV. 

An Cridhe mi-naomh an ceart aghaidh 

Lagh Dhe. — Rom. vii. 14. 

Eolas a jìheacaidh tre an lagh. Rom. iii. 20. 

1. Thg,, m' chri' do dh'iomad Dia na thràill. 

2. Aig iodhalibh na ionad tamh. 

5. Na thobar lan de smuaintibh faoin. 

4. Na struigh'ear truagh air ànaaibh naomh. 

5. Na chathair dhion aig fèin is uaill. 

6. Na ionad marbhaidh làn de f huath. 

7. Na phriosun neo-glan lan do dhrùis. 

8. Na gharuidh mheirleach lan do thnu. 

9. Na bheart a dhealbhas breug, 's droch chainnt. 
10. Na shlochd do thalach is do shannt. 

V. 
An Soisgeul Glormhor, no 

Criosd crioch an lagha chum Jireaniachd. Rom. x< 4. 

O so, Tha mi co-dhunadh le mo chridh, 

Tre'n lagh, nach ruig mi beafh a chaoidh; 
Oir ditidh an lagh gach aon gu sior, 
Nach co'lion i na chri 's na ghniomh. 
Ciod ni mi reisd, * mar f haigh mi gràs, 
Gu freagradh thoirt do'n lagh 'n am àit "? 
Oir grài tha saor tre urnhlachd Chriosd, 
'Neach 'n nair do cheartas thug e diol; 
Mar shuaicneas f sgriobh air geat nan gràs, 

* umesin f motto. 



41 

S' JBindh peacadh malluichC 's peacich teàr , nt\" 
O ! diomharachd is maitheas Dhe ! 
A dh'f hosguil slighe nuadh gu nèimh, 
Do pheacaich chaidh air seach'ran uaith, 
'S a thoill tre chiont, gu bràch, bhi truagh. 
Bitheam 'g urnuigh agus stri gach là, 
Gu faotuinn steach air geat' nan gi às, 
A chum bhi triall 's an t-slighe nuadh, 
Gu flaitheanas tha gabhail suas. 
'S mar dhearbhachd dhomh gun d'f huair mi sith, 
Tre umhlachd Chriosd, 's gur leatsa mi, 
O ! sgriobh do lagh air clàr mo chri. 
••«— <<s»— >•• 

VI. 

AITHNE DHE DO NA H-UILE DHAOINIBH AITH- 
REACHAS A GHABHAIL. Gniomh. XVÌÌ. 30. 

1. O Dhaoine. eisdibh aithne neimh, 

Is thugaibh umhlachd seach; 
Oir ris gach neach a ta fo 'n ghrein, 
Tha Dia ag radh gu beacbd: 

2. " Gabh Aithreachas, is slainte shior, 

• Is bi ad chreutar nuadh; 
" Do shlighe treig gu tur, 's do lochd, 
*' 'S gu h-iomlan thoir dhoibh fuath." 

5 Eisdibh, o dhaoine, anns gach staid, 
Gach iosal 's ard le cheil', 
Sleuchdaibh an la'ir Iehobhah Dia, 
'S d' a aithne thugaibh geill. 

4. Gu ceanuaireeach na cuiribh cul, 

Ri trocair shaibhir Dhe, 
Ach eisdibh tairgse Slanui'ear, 
'S is leibh a ghras gach rè, 

5. Sleuchdaibh mu' n cluinn sibh fuaìm na tromp 

G'ar gairm gu chathair righ^ 

D 3 



42 

Oir diogh'ltas shiòrruidh ni an t Uan, 
'S an dream nach gabh uaith sith. 
6. Cia iongantach do ghradh, a Dhe! 
Is d' f hoigh'din cia co buan ! 
O lub ar cridh le d' ghras ruit fein, 
Is gradh'cheadhmaid an t-Uan. 

VII. 

CUIREADH GU CUIRM AN T-SOISGEUL. 

1. A pheacaich eisd ri guth na sith, 
Greas ionnsuidh suipeir naomh do Righ; 
Bi glic, is builich là nan gras, 

Gach ni tha uUamh thig gun dàil. 

2. Ullamh tha Dia gu gabhail riut, 

'S gu d' thogail as an rib 's na thuit; 
Ullamh tha Criosd a chumail bàigh, 
'S a' sgaoiladh fial a ghlaca graidh. 

3. Ullamh tba Spiorad naomh nan gr»s, 
Gu d' theasairgin o ghàbha bàis, 

Gu d' dheanamh saor le fuii Mhic Dhe, 
'S gu d' sheulacha' le phobull fèin. 

4. Ullamh tha aingle glormhor neimh, 

Gu d' f hailteacha' gu 'n comunn seimh, 
'S gu mola sheinn do Dhia nan dùil, 
Rinn duit o bhas gu beatha 'n t-iul. 

5. Tha 'n t-Athair, am Mac, 'san Spiorad naoml'. 
Is feachda neimh, o thaobh gu taobh, 
Ullamh gu seinn gu h-ait le cheil', 

•' Am marbh tha beo, an caillt air sgeul." 

6. O thig mata, a pheacaich thruaigh, 

O thig adh' ionnsuidh Chriosdgu luath; 
O thig is gheibh thu slainte shaor, 
A choisinn Criosd le luach co daor. 

7. Thig, agus gheibh thu gràs o Dhia, 
Maitheanas sgriobht' am fuil do Thriath, 

Sealla do d' chiont, ach saoradh uaith, 
A dh' aindeoin cumhachd bais is uaigh 



43 

VIII. 

Trocair. Ixxxix. 1, 2. 

1. Feuch cia co pailt 's tha. tiocair Dhia 1 
Do cheannaircich gu bas bha triall; 

'Se trocair phailt, gun chrioch gun cheann, 
A thagair Slainte dhuinn gu teann. 

2. Co luath 'sa rioghaich lochd 'san t-saogh'l, 
Chaidh trocair f hoillseacha do dhaoin', 

'N tra dh'innis Dia an sgeula grais, 
Gu 'm bruthadh siol na mnaoi a namh. 

o. Gu glormhcr dhealraich i air daoin, 
'N uair rugadh Criosd an Slan'ear caoin 1 
Is dhealraich i 'na mais' gu leir, 
'N tra thubhairt Criosd, tha 'n obair reidh'. 

4. Le aiseirigh thug e lan bhuaidh, 

Air neart gach namh, air bas is uaighj 
'S o 'n am 's an deach e suas an aird, 
Rioghaichi' trocair pailt gubratb, 

5. Biodh daoine ardanach ri stri, 
An aghaidh trocair an ard Righ; 
Gidheadh tha 'n eaglais bhos is shuas, 
'S an trocair so do ghna ri uaill. 

6. Gu ruig an t am 's anseinn sinn shuas, 
Is àrin aìr trocair ni sinn ìuaidb; 

'S gach iunleachd sgriosaidh Dia gun cheist 
Chuireadh au* trocair stad am feasd '. 

7. Amen l Ghlaodh faidhean Dhe gu h-ard; 
Amen ! Deir abstolaibh gu brath; 
Amen ! Deir armaiitibh nan speur; 
Amen ! Seinneadh an cruinne-ce. 



IX. 

Feum an anama. 

Athair nasoills'! o'n d'thig anuas 
Gach fuasgla dhuinn, a reir ?,r cvuais 



44 

Thusa ta freasdal * do gach duil, 
Tha mis'a' togail riutmo shuil; 
O deachd an urnuigh thig o m' chridb, 
Is eisd ri m' achuinge a Righ! 

2. Is tu leìg f haicinn domh mi fein, 
Bhi bochd is lomnochd, air bheag cè'ill, 
'S an e nach aithne dhuit mo chridh, 
'S mo chainnt mu'n tig aon smid anios; 
An e nach leir dhuit m' ufle f heum, 
Tha 'g iarraidh cobhair ort a Dhe? 

Z. Seadh, *s leir dhuit mi bhi aingidh truagh, 
Mall gu maith, gu aing'eachd luath, 
Mo chridh do-lubaidh, m'aigne mall, 
Mo mhianna laidir, m'inntinn dall, 
Gun eagal orm roi'd' chorruich mhoir, 
No gradh dhuit idir mar is coir. 

4. A Dhia leig ris domh m' uile thruaigh, 
Is cuidich leam dol as gu luath; 
Gu aithreachas grad-lub mo chridh, 
'S gu creideamh slainteil ann an Criosd. 
— Am feadh a bhios mo chònui' bhos, 
Mar so niom j- urnuigh riut gun chlos. 

X. 

Urnuigh arson grasan an Spioraid. 

1. A Dhia mo shlainte seall anuas, 

Dean iochd air m' anam, 's gabh dbiom truas; 
Deonuich do Spiorad naorah le ghràs, 
Is lion mo chri le creideamh 's gràdh. 

2. IMo chridhe gleidh, 's mo lamh o lochd, 
'S o airrihleas tearuinn m'anam bochd, 
Eagal do aon neach, no dhomh fein, 

Gu 'n deanainn aon ni thoilleadh beum. 

Z. Do'n chinne-dhaoine biodh do ghnà, 
Le truacantachd mo chridhe làn; 

* 's uUachadh. f nitheam. 



45 

Ag iarrraidh sonais doibh is sitb, 

'S ga chur air aghaidh leis gach gniomh. 

4. Gabhadh mo chridhe pairt gach uair, 
De bhròn dhaoin' eile no de'n truaigh; 
Is bitheam aoibhneach *n uair a chi 
Mi iad a' soirbheacha' 's gach ni. 

5. Ge d' bhuineadh iadsan rium gu cearr, 
Bitheamsa dhoibhs' an' rùn is fearr, 
Ullamh gu maitheanas is sith, 

Is mall a dhioladh gach droch gniomh. 

6. Mar so, le giulan làn do ghradh, 
Dealradh mo bheatha gach aon là, 
Is biodh e soilleir air gach doigh, 
Gu'm buin mi dhuits' a Righ na gloir. 

XI. 

Tri naimhdean an anama. 

1. 'S lionmhor namhaid a ta do m'anam, 
'S do d'aobhar beannuicht-se, a Dhia;— 
Tha an Saoghal gun clos 'g ar dalladh, 
Le nithibh foìamh, dibuan, blian:— - 
Le dian chiocras tha 'n Fheoìl 'g ar sparradh 
Gu bhi colion' gach fior dhroch mhiann:— 
Tha an Satan a cleachdadh meaUaidb, 
Chum ar tarruing do gharuidh sios. 

2. Tha an Saoghal ro mhealltach, sgleo-ach, 
Tha e le mhorchuis, do ghna, na riabh: 
'S mo gu mor tha ag iarraidh beartas, 
Na 'g iarraidh feartan is gras o Dhia: 
'S mor an t-aireamh tha 'g iarraidh urram, 
Ard inbh is fearann, fo an ghrian; 
'S beag an t-aireamh arson an anama, 
Tha 'g iarraidh sealbh air a bheatha shior. 

5. Tha anamhianna dall na feola, 

A ghna 'g ar treorach' air slighe f hiar; 

Tha iad 'g ar lionadh le smuamtibh neò-gblan, 

'S g'ar deanamh deonach gu 'n cuir an gniomh; 



46 

Tha mor sgaùt annt gu cleachdadh dò-bheart, 
Gun neart gun treor annt a'n nithe Dhia,- 
Tha iad a giasadh amach o'n eòlas, 
'So'n ionmhas sholais th'ann an Criosd 

4. S' fearr le cuid a bhi 'n tigh osda, 
Ri ò-l, ri òran, 's ri cainnt gun chiall, 
!Na bhi ri aor, àh an tigh na comhail, * 

S am bithear cò'-radh mu ghaol an Triath: 

'S fearr le cuid bni ri stri is buaireadb, 

Ri caoch f is tuasaid, is ri droch ria'n , 

Na dhol a dh'eisdeachd an t-soisgeul ghràsrahor, 

Air la na Sàbaid do theampuil Dhia. 

5. Ach 's e 'n Satan an duine iaidir, 
Tha gabhail fath oirn ie ioma riabh; 
Leis nithear aillidh, na nitbe s taire, 
Chum ar tàladh, gun f hios, d'a iion; 
Le michreidimh, ie ceiig 's le àrdan, 
Rinn e ar nadur a chuir de rian: — 

Tha sinn ar naimhdean an aghaìdh 'n Ard Rigb, 
Gun dad do chail arson slainte Ciiriosd. 

6. Rinn am peacadh co mor ar miileadh, 

'S gur taitneach milis leinu droch gniomh: 

Tha tnu is farmad ri muinntir eile, 

Dol eadar ioma neach 's an ciall: 

Tha ceìlg is gamhlas, droch cainnt is mionnan, 

Anns gactj amadan faoin nach f hiachj — 

'S tha ciall nadurrach tric 'g an teagasg, 

Gu bheil gach creideach, 'na neach giin chiall. 

7. Rinn an Saughal an Fheoil 's an Diabhol, 
Ar cuir am priosun laidir dion; 

Dhall ar sùdean is dhùin ar cluasan, 
Dh' f hag ar ìùs sinn, is ar ciall; 
Dh' f hag ar cobhair sinn, is ar giùlan; 
Dii' i hag ar curam sinn, is ar fiamh; 
Dh' fbag ar gleidheadh, is arbiiithas; 
Dh' r'hag ar duchas sinn is ar sgiamh: 

8. Arson gun gheili sinn do ghuth an t-Satain, 
An aghaidhàithn agus comhairl Dhia, 

* tigh na coinnidh. f cuthach. 



47 

Chuir sud fo uachdranas chruaidh a bhais sinn, 
'S fo f hearg an Ard-Righ a rinn gach sian; * 
Cha ar ruagadh amach a Pharras, 
An t-ionad àillidh, bha lan do sgiamh; 
Isrinneadh oidhreachan air a bhas dhinn, 
Air bròn is ciàdb agus peanas sior. 

9- O I Thi ro ghrasmhor d'an eol gach galar, 
Rinn buadhan m'anam a leagadh sios, 
Dean mo leigheas, is dean mo ghlanadh, 
Is dean mo tharruinga dh'iunnsuidh Chriosd, 
O gach namhaid dean fein mo sgaradh, 
Cuir air m'anam do chruth 's do sgiamh, 
Is dean mo threorach' gu tir a gheallaidh, 
An t-ait 's am meal mido ghràdh gu sior. 

XII. 

Criosd ughdar na slainte d'a phobull, 
Eabh. v. 9. xii. 2. 

1. Ardaicbibh Uan ar De, 
Thug suas e fein gu bà^, 
Chum ' threud a chuirfa sgaoil, 
O'n daors' 's an robh iad sàs: 

Oir Bhasaich Criosd is luidh 's an uaigh; 
Ach dh' eirich ris, is thug e buaidh. 

2. An Ti 'bha àrd an gloir, 
Gun dh' f hag e chathair righ; 
Gu fuiang pian is bròn, 

S' an f heòU, chum deanamh sith: 
'S do cheartas Dhe thug iobairt suas, 
A choisinn slaint' do pheacaich thruagh. 

3. Leis shaoradh braighdean truagh, 
Bh'aig Satan fo chruaidh ghlas; 

Is choisrig e do shluagh. 
Naomh shTighe gu dol as, 
O chorrurch Dhe a thaisg iad suas, 
Le seachran claon, 's le cridhe cruaidh. 



J guch ni. 



48 

4. Air slighe nuadh is bheo, 
Bheir esan treoir gach am, 
Do mhuinntir shean is og, 
Tha cuir an dochas ann: 

'S e f hein thugdhoibh an nadur nuadh, 
Tha toirt do pheacadh grain is fuath. 

5. Is bheir e dhoibh gu fial, 
Lan diol de shaibhreas ghrais, 
Ni 'n cridhe briste suas, 

'S an t-anam truagh ni slàn: 

Oir 's-Esan Lighich mor nam buadh; 

Nach caill a shaoth'r, 's nach agair duais. 

6. An coguis dh'ùisgeadh suas, 
Le uamhasan an De: 

Ach crathadh fuil an Uain, 

Bheir suaimhneas dhoibh is sith: 

'S bheir Spiorad Chriosd dhoibh solus nuadh, 

Ni imcheist inntinn fhogradh uath. 

7. Air feadh an turuis sgith, 
'S an t-saoghat so a bhos, 
A measg gach crois is stri, 
S' e bheir dhoibh sithis clos: 

'S 'n uair bhios an saoghal riù an gruaim, 
'Se Criosd an Taic, 's an carraig bhuan, 

8. A Iordain gharbh a bhàis, 
(An abhuinn laidir bhrais,) 
Ni e an tabhairt tearnt', 
Gu pharras naomh na mais: 

Is air gach namhaid gheibh iad buaidh, 
Tre neart, is ghras, is f huil an Uain. 

9. 'N uair dh' eireas iad a suas, 
O'n uaigh le aoibhneas mòr, 
'S an coinnich iad ri Criosd, 
Le slainte, sgiamh is gloir, 

Cha 'n f haca suil 's cha chuala cluas, 
Meud an t-sonais gheibh iad uaith. 

10. 'Sin teichidh bron is pian, . 

'S gach gniomh arinii an claoidh, 



49 

'S an deàlradh gnuis an Dia, 

Bi 'n anam triall a chaoidh: 

Oir chaidh gach peacach saorte suas, 

Gu ceol is gaol nach caochatl snuadh. 

11. Seinnibh le aoibhneas naomh, 
Mor shaibhreas caomh a ghràis, 
Rinn oighreachan air neimh, 
Dhùis thoill bhi truagh gu bràch; 
Oh ! sibhse d'an eol a gradh 's a thruas, 
Air ainm-san bi'bh' gach là ag luaidh. 

XIII. 

CRIOSD NA CHEANN IUtL TRID BAS GU GLOIR. 

Eabh. xi. 13—16* Salm lxxiii. 24. 

1. Sdiuir mi, O Iehobhah ghrasmhor ! 

Coigreach trid an f hasach chruaidh; 
Tha mi lag,, (tha thusa laidir, 

Cum mi le do ìamh gach uair: 
Aran neamhaidb, 

Beathaich thusa m'anam truagh. 

2. Fosgail tobar gach aon sòlas, 

O'm bheìl slainte sruthadh nuas, 
Le do spiorad dean mo sheoladh, 

'S faigheam foghlum neamhaidh uat. 
" Shlan'ear laidir, 

Bi a'd dhaighneach dhomh gach uair. 

3. 'Nuair theid mi tre abhuinn Iordain, 

Dean gach eagal f hogradh uam, .: 
Thus' thug buaidh air bas is doruinn, 

Dean gu gloir mo thogal suas: 
Oran molaidh 

Bheir gu brath do righ nam buadh. 

XIV. 

Mu na cHREiDiiifH. — Faic Eabh. xi. 

1. 'Se crèìdimh rinn na sean-fheara, 
Co aithnrcht' le deagh chliù: 
E 



50 

Le creidimh shealbhich Abel sud, 
Caomh chairdeas Righ nan duil; 

Le creidimh sheachainn Enoch maith, 
Ant-èugtha ruith gach duil: — 

Gun chreidimh, 's ni neo.f heumail dhuinn 
Bhi 'g iarraidh Dhe n'is mo. 

2. Le creidimh dh'ullaich Noah coir, 

An àirc bha dionach, dìù; 
'S a theaghlach ghleidhte sabhailt innt, 

O'n tuil a bhath gach duil: 
Le creidimh dhealaich Abraham, 

Ri pharantibh 's ri dhùthaich, 
Is dh'imich e air aineolas. 

Le creidimh bha do-lùbt'. 

3. Le creidimh dh' innis Ioseph dhoibh, 

Gu fàgadh iad an dùthaich, 
Is dh'àithn gun d'thught' a chnàmhan leo. 

Do 'n àit d'an robh a ruin. 
Le creidimh chaidh clann Israel, 

Air imachd troimh na chuan, 
Ni t dar * dh'oidh'rpich Pharaoh ris, 

Sin, bhàthadh a le shluagh. 

4. Tre chreidimh rinneadh trèubhantas, 

Le pobull Dhe 's gach iinn; 
Cheannsuich cuid leis rioghachdan, 
'S f huair saorsa leis o theinn; 
Dh'oibrich cuid leis firinnteachd, 

Is miorbhuilean nach gann: — 
Is ni ro f hiorghlan, phriseal e, 

Ni direach nithecàm. 

5. Tre chreidimh dh'f huiling ioma neach, 

An clochadh as an t-saogh'l, 
A roghainn air a chorruich aig 

A.n Dia a rinn gach aon; 
Dh'f huiling cuid an losgadh tur, 

'S an corp a chuir na smud, 
Mu'n àicheadh iad an creidimh fior, 

'S mu'n cuireadh iad ris cul. 

* n uair. 



51 

6. O cuireadh sud gu dichioll sinn, 

'S gu rannsachadh as ur, 
An d' f huair sinn am fior chreidimh sin, 

A sheasas dhuinn 's gach cuis; 
A bheir gu Criosd mar pheacaich sinn, 

'S a dh'oibricheas le gaol; 
A ni ar cri' anuadhachadh, 

'S gheibh buaidh dhuinn air an t-saogh'l. 

XV. 

AlSEIRIGH CHRIOSD. 

1. Dh' eirich Criosd anios o'n uaigh'. 
Seinnibh. na tha bhos is shuas; 
Seinn a thalamh, seinn a nèimh, 
Cuinbh uile chliu am meud. 

2. Obair chriochnaich, 's chaidh e suas, 
Cbuir e 'n cath, is f huair e bhuaidh; 
Dh' f halbh an smal a bh' air a ghrein, * 
'S dealraidh i gu sior 'na dheigh. 

3s B' f haoin a' chlach. an geard, 's an seul, 
Chuir e crainn na h-uaigh mu sgaoilj 
B' f haoin do 'n bhàs a ghabhail sios, 
Dh' eirich e le buaidh aris. 

4. Feuch anis tha Iosa beo, 
Ghabh e chònuidh ann an gloir; 
Thug a bhàs an gath o'n bhas, 
Chaill àn uaigh a buaidh gu bràth. 

5. Aig Criosd anis tha neart is gloir, 
Is riaghlaidh e an domhain mhoir; 
Neamh is ifrinn tha f 'a lamh; 
'Sefein an aiseirigh o'n bhàs. 

6. A Righ na gloii ! 's e so 'n t àgh, 
Geill is cliu thoirt duit gu brath, 
Sith is reite riut gu sior, 

So a' bbeatha shuthainn f hior. 



air Grian najftreantachd. 
E °Z 



XVI. 

An ni ceudna. Luc. xxiv. 6. 

1. " Cha 'n 'eil e 'n so ach dh' eirich e," 

Deir aingle gloirmhor Dhe; 
Dh' f hag Criosd an uaigh mar chaidh e innt', 
Gun smal air meud a phein. 

2. " Cha 'n 'eil e 'n so ach dh' eirich e," 

Siabibh gach deur o'r suil; 
Tha slainte shiorruidh criochnaichte. 
Oir dh'eirich Righ nan Duil. 

3. " Cha 'n 'eil e 'n so ach dh' eirich e," 

An Treun-f hear nios o 'n uaigh; 
Ar naimbdean cheannsuich e gu tur, 
Oir f huair e t uil' is buaidh. 

4. rt Cha 'n 'eil e 'n so ach dh' eirich e," 
Nis chi e toradh phein; 
Is riaghlidh e air feadh gach linn, 
Aig deas laimh morachd Dhe. 

5. " Cba 'n 'eil e 'n so ach dh' eirich e," •. 

Air so biodh luaidh 's gach ait, 

Dh 7 eirich an Tighearn — molaibh e, 

Air feadh gach linn gu brach. 

6. O armailtibh na flaithis ai'd ! 

Togaibh gu brach a chliu; 
Is biodh gach duil 'sa cruinne«che, 
A seinn do Righ nan Duil. 

XVII. 

DOCHAS RIS AN AISEIRIGH. — Iob. XÌX. 26, 

1. Abair gu fag an t-anam ■■ 

A cholainn gun anail gun deo, 
Nach f'haic mo shuilean an solus, 
'S nach f haighear mi measg nam beo: 

Gidheadh cha chaill mi an dòchas 
A dheonuich thu dbomh, a Thriath! 



Gu 'm pìll m' anam gu chònuidh, 
'S gu faic mi 's an f heoil so Dia. 

2. An' caol thigh cumhang na h-uaighe 
Ge d' luidh mi gu truailli' sios, 
Fograidh a' mhaduinn mo dhuibhre, 
'S thig air an oi'che so crioch- 

Cha chaill mi mala mo dhochas 
A dheonuich thu dhomh, mo Thriath, 
Oir pillfdh m' anam gu chònuidb, 
'S chi mi san f heoil mo Dhia. 

5. Ge d' chrion an corp so gu dus, 
Ge d' dhean na duiiean a roinn, 
Bheir iad na f huair iad air ais, 
Is aisigidh 'n t-iomlan cruinn. 

'San uair sin, do reir an dochais 
A dheonuich thu dhomh, a Thriath, 
Pillidh m'anam gu chònuidh, 
Is chi mi san f heoil so Dia. 



XVIII. 

An t-sabaid shiorruidh. 

1. A Dhia na sàbaid! eisd argutb, 

Is eluinn ar 'n urnuigh riut an diugh; 
Gu taitneach gabh ar n iobairt uainn, 
Is seall gu cairdeil oirn anuas! 

2. Is ionmhuin leinn do là a bhos, 
Ach O! 's ann shuas is fearr an fhois: 
'S e so ar dochas is ar mianm 

Gu faigh ar n anama fois le Dia. 

3. An sin cha ruig oirn sgios no bròn, 
Peaca' no bàs cha dean ar leon; 
Acain cha'n eirich leis an laoidh, 

A thig o theangaidh bhinn gach naoimh, 
Eagal an sin cha chuir oirn namh, 
'Scha'n fhogair curam uainn ar tamh, 
E 3 



54 

Smal air ar grein cha tig ni 's mò, 
Gu siorruidh dealraidh oirn an lò. 
5. O! cuin a thig an aimsir àigh, 

'San sguir gach peaca 's bròn gu bràth, 

'San imich sinn gu h-ait asuas 

Gu rioghachd àrd na beatha nuadh! 

XIX. 

An fhois shiorruidh. 

1 . Ciod i an f hois tha ro thaitnach iarrtnach, 
D'an goir am Biobul " an t-Sàbaid shiorruidh?" 

— Is ceisd ro chruaidh sin — cha'n eol domh briathraibh 
A labhras sòlas na sabaid shiorruidh. 

2. Cha bhuin an f hois so do mhuinntir dhiomhain, 
Tha leis an t-saoghal so air an riarach, 

Nach' eil a cèusadh an f heoil le miannaibh: — 
'S e bhuineas dhoibhsan — dian pheanas siorruidh. 

5. Ach buinidh 'nfhois so do chloian an Tighearn, 
Fhuair sealladh tra air an cunnart siorruidh, 
'S bh'air an sàrachadh 's air an griosadh, 
Gus'n d'i'hoillsich gràs agus caoimhneas Chriosd dhoibh. 

4. 'Se Criosd a choisinn an f hois idn-mhiànnuicht', 
Do' pheacich chaillt', le saoth'r 's le pianntibh; 

'S e phobull feiu chuireas meas is miàgh oirr'. 
Oir f huair iad eòlas o spiorad Chriosd oirr'. 

5. Is mor an ioghnadh, an f hois a shiorruidh, 

Cha 'n 'eil fior chainnt oirr', oir tha i diamhair, 
Anns an f hois socha bhi neachdiomhan, * 
Cha'n f haigh iad clos — ach 's fois gun sgios i. 

6. Is fois o'n t saoghal i, is o'n diabhol; 
Is fois o'n f heoil i, 's o ana-mhiannibh; 
Is fois o pheacadh, 's o chiont gu sicr i, 
O imcheist inntinn, is o gach pianadh. 

7. 'S a chum an f hois so a dheanamh diongmhalt, 
*N a cois bi leanmhuinn àrd shaibhreas siorruidh, 

* diomkanach, 



65 

'Chuireas gu hiomlan gach crois air dhi-chuiaihn, 
'S a ni le aoibhneas gach gnuis ro sgiamhach. 

8. An àite euslaint, thig slàint' neo-cbriochnach', 
An àite laigsinn, tbig lùs ni rniorbhuii; 

'S an àitan armachd a bh'air chriosduidh, 
Thig ceol, is clarsach, is caithream shiorruidh. 

9. An àit luchd-seolaidh, "oi lath'rachd Chriosd ann, 
O'n d'thig àrd f hoghìum "'s" a'n èòlas dhiadhaidh; 
An aite teanipull, bi gloir an Trionaid, 

A Ni le sòlas gach cridh' a ìionadh. 

10. O Thi ro ghloirmhor ! nis deonuich m'iarrtas, 

Air sgath 'n Fhir-shaoraìdh 's an d'£hualr thuriarach,, 
Duth mach ino pheacnnna screitidh lionmhor, 
Is dean mo shuidheachàdh ànn ad f hionain. 

11. Thoìr orms gu'n gluais rm:.do reir.an riaghailt, 

A d'fhag thu sgriobht' agarnn ann ad hhriathraibh, 

Gu'n cuir mi cùl rìs na nithe diomhain. 

'3 gun d'thoir mi gradh do na nithe siorruidh. 

12. Bi' so mar earlas gu seas mi d-'f hianuis, 

A measg an t-s!òigh sin tha soillseacb, sgiamhach, 
'Seinn halèluiah gun sguir, gun sgios dhuif, 
Far nach tig oidhche na ceann na biiadhna. 

XX. 
An cumhnant nuadh. Esec. xxxvi. 25~-32. 

1. Tha'n Tighearn cur an ceill a ghras; — 
Feuch bheir mi sibh o dhoimhneachd bais; 
Bheir mi air falbh an chridhe cruaidh, 

Is mise mhain gheibh seirbhis uaibh. 

2. Mo ghras mar shruth tha ruith do ghna, 
A chum 'ur glanadh nis 's gu brath; 
Da 'r n oibre aingidh bheir sibb fuath, 

Is bidh sibh ùmh'l do Dhia nan sluagh. * 

5. Air so tha m' fhirinn toirt dhuibh cinnt' 
Gu m' buin mi dhuibhse feadh gach linu, 



56 

Bi sibh 'n 'ur pobull dhomh gu brath, 

'S cha ath'rraich dhuibh mo chaoimhneas graidh. 

4. Co'lion, O Dhe, dhuinn d'f hocal naomh, 
'S gu saibhir doirt' do ghras o neamh, 
A chum 's gun iarr ar anma Dia, 

O doirt' do Spiorad nuas gu fial. 

5. O 'n am san d' thug thu beatha seach, 
A'm meud do throcair do aon neachj 
Tha 'n obair naomha uile uait; 

O tùs a bhos gu crioch a shuas. 

XXI. 
Dia reidh ann Criosd. Rom. V. 1, 2 — 10, 11« 

1. 'Se 'n t-ainm is caomh' a dh'ainmichear, 

Mo Shlan'ear is mo Dhia; 
Co 's urra cul a chuir ri d' ghradh, 
'S rì d' throcair phailt, a Thriath ? 

2. 'S ann le do bhàs is d'aiseirigh 

Leig Dia dhuinn ris a ghradh; 
Is ann le d' eadarghuidh air neamh, 
Tha'n Spiorad leinn a tamh. 

5. Mur f haic mi Dia, an nadur dhaoin', 
Cha 'n f haigh mi co-f hurtachd; 
Tba 'n Trionaid ghlormhor agus naomh, 
Do m' inntinn uabhasach. 

4. Ach 'n uair a chi mi gnuis mo Thriath, 

Tha sith is sòlas teachd; 
Tha ghras a' cuir gach geilt air chul, 
'S 'g am dheanamh umh'l d'a reachd. 

5. Tha cuid aig earbs, nan gniomhibh fein, 

'S nan gliocas deanamh uaill; 

Ach 'se Dia foilìsichte 'san f heoil, 

Is dochas dhomh gach uair, 

£. A so amhain ni mise uaill, 
A bhos is shuas gu bràth; 
peadh uile linne bhith-bhuantachd, 
Air so bu mhiann leam tàmh. 



$7 



XXII. 



Freasdal an tighearna diomhair gidh- 

EADH TROCAIREACH. Salltt Xqvii. 2. 

lxxvli. 19, 20. 



1. Oibrichidh Dia andiombaireachd, 

A choilion' oibre mhor; 
Is bheir mu'n cuairt gu h-iongantacb, 
Gach ni tha chum a ghloir. 

2. Coisichidh e 'san fhairge gharbh, 

Siubhlaidh air sgiath na gaoith; 
Theid e air carbad neula tiugh, 
Air feadh a chruinne che. 

3. An doimhneachd gliocais tha gun chrioch, 

'S tha fior neo-mhearachdach, 
Dealbhaidh e gach crioch mar 's aill, 
Le thoil ard-uaebdranacht 

4. Glacaibh mor-mhisneach ùr a naoimh, 

'S na biodh 'ur dochas fann: 
Brisidh na neoil chur sibh fo gheilt, 
Le trocaìr air 'ur ceann. 

5. Le 'r buaidhibh fann na d' thugaibh breith, 

Air Dia. ach earbaibh ann; 
Air cul-thaobh freasdal mi-thlusacb, 
Tha trocair chaomh gach am. 

<ì. Tha chriochaibh 'g abucbadh gu luatb, 
'G an taisbean fein gach uair; 
Ged vobh am blà vo shearbh a bhos, 
Bi thoradh rnilis shu as. 

7. Mi- chreidimh theid gu cinnt' a thaobh, 
Ofhirinn fhior-gblan Dhe; 
Gu ath ghearr minichidh e so, 
'S gu soilleir chi sinn e, 



58 



A leughadar, tha'n t-abstol Peadar ag radh anns an dara litir, I chaibdil. 4 
rami, "Trid an d'thugadh dbuinne GEALL ANNA ro rnhor agus luachmhor." 
Ma leughas tu le geur aire an i, 3, agus 4 rann de nachaibdil sn, chi thu 
gur ann do f hior luchd leanmhuinn Chriosd tha na geallanna so air an 'abhairtj, 
do, na mhuinntir iornpuichte,nomar tha'n t-abstol 'g an gairm, muìnntir " ats 
air dol as o'n truaillidheachd a ta anns an t-saoghal trio ana mhiann " Tha 
na dain a ta leanmbuinn air an deanamb mu chuid de na geallanna 30; agu* bu 
mhath leam rabbaidh a taoirt dhuitse, chum nacb. bitheadh tu 'gad mheal- 
ladh fein, nach buin a h-aon de na geallanna so ahuit, mar buin thusa do 
Chriosd. Is ann do chumhnant nan gras a bhuineas na geallanna so, agus 
inar eil thus' air d'aonadh ri Criosd tre cbreidimb, tha thu f hathasd an 
taobh muigh do na chumhnant so, agus cha 'neilcoir agad air aon de a 
shochairean. Ach 's ann tha thu fo chumhnant briste nan gniomh, agus 's 
e bhuineas dhuit mallachdan a chumhnant sin; (Gal. lii. 10, It, 11, t*.) 
Agus.gu cinnteach tuitidh na mallachdan so gu trom air do choip agus air 
d'anam anns an t-saoghal so, agu* ann am bithbhuantackd, mar dean Dia 
ann an saibhreas a ghraìs do dbusgadh o ctodalciontach, cunnartach a pheac- 
aidb, agus do threorachadh a dh'iunn^aidh Chrisod arson beatha agus saorta. 
O dean spairn chruaidh gu dol a steach air gbeata chumhang. 

XXIII. 
Neart do reir ar Feum. Deut. xxxiii. 25. 

1. Ge truagh mo chor, cha bhi mi caoidh, 
Le m' acain theid asuas mo laoidh, 

A chionn gu bheil mo Thriath ag ràdh, 
" Do neart bidh amhuil mar do là." 

2. Airc agus eagal ge d' robh dlù, 
Sior sheinnidh mi do Dbia le cliu; 
Oir tha mo Shlan'ear caomh ag ràdh, 
" Do neartbidh amhuil mar do là." 

3. Mo fheuchainn ge d' robh teann is buan, 

'S ge d'iadh mu naimhdean orm mu'n cuairt, 
Gabhaidh mi mi&neach, 's Criosd ag radh, 
" Do neart bidh arr.huil mar do là.'' 

4. Deamhain is daoine ge do sheas 
Le cheile leagta chum mo sgrios, 
Cha'n eagal leam is Ios' ag radh, 

" Do neart bidh amhuil mar do là." 

5.Tinneas ge d' thig, le bochduinn 's bàs, 
'S gach olc a dh' f heudas duine chràdb, 
Mo Thriath bidh dlù, le cònadh ghràis, 
'S mo neart bidh amhuil mar mo là. 



«59 

XXIV. 

Mar do laithean, is amhluidh bhios D<5 

neart. Deut. xxxiii. 25. 

1. A naomh fo bhron, gu Chriosd thig dlu, 
'S gealladh do Shlan'ear cluinnidh tu; 
Tha esan 'g radh d' am buin gach feart, 
A reir do laithean, bith' do neart. 

2. Na leig le d' chridhe fann a radh, 
Cionnus a sheasas mi an la? 

Oir thubhairt Dia, dan dual bhi ceart, 
A reir do laithean bith' do neart. 

3. Tha thusalag, 'sdo namh tha treun, 
'S ma bhios an cogadh buan is geur, 
Teichidh do namh roi' Righ nam feart, 
Oir noar do laithean bith' do neart. 

4. Ma thig geur leanmhuinn ortsa dlù, 
Dean taic de Chriosd, is dionar thù, 

'S an deuchainn theinnteach chi thu 'm feasd, 
A reir do laithean bith' do neart. 

5. 'N uair ghiulan's tu an crann a ceus', 
Amhghar, is iarguin, anns gach ceum, 
No du-bhron, 's easbhuidh throm is goirt, 
Ghna reir do laithean bith' do neart. 

6. 'N uair thaisbean's bas e fein gu dlu; 
Ni Criosd do Shlan'ear dhuit an t-iuil, 
Gheibh d'anam as le Righ nam feart, 
'S a reir do laithean bith' do neart. 

XXV. 

Cha 'n fhag mi am feasd thu. Eabh xiii. 5. 

1. Cia lionmhor gealladh thug ar Triath 

Do phobull naomh a ghraidh! 
Deir e — 's gu cinnteach tha e fior — 
" Cha 'n f hag mi thu gu brath." 

2. Ged' robh ur trioblaid mor san t-sao'l, 

'S bhur naimh' ged' f heuch ri 'r cradhj ^, 
Deir e — is coilionaidh gun cheìst — 
" Cha 'n f hag mi thu gu brath." 



60 

3. Bhur cairdean caomh gèd' aicheun * sibh 

Gun aobhar no cionfà, 
Deir e—Ss nach dubhairt e gu leor — 
'.' Chan 'n f hag mi thu gu brath," 

4. Ur naimhdean fuileachdach is treun, 

Ged' chathaich ribh do ghnà, 
Deir e — is biodh ur 'n earbsa ann — 
" Cha 'n fhag mi thu gu brath." 

5. Ifrinn is bas ged' f heuch le cheil', 

Bhur dealachadh o ghràdh, 
Lan dhearbhaidh siorruidheachd gur fior, 
Nach f hag e sinn gu bràth. 

XXVI- 

BlDH SITH AGAIBH ANNAMSA. Eoin XVÌ. 33. 

1. Eisdibh; a naoimh, le aire mhaith, 

Ri'guth ro-chaomh 'ur Righ; 

Deir e, — is biodh 'ur cridhe ait — 

" Annams' bidh agaibh sith." 

2. Ged' eirich trioblaid air gach laimh, 

'S ur namh 'n 'ur 'n aghaidh stri, 
Deir e — 's nach dubhairt e gu leor — 
«■ Annams' bidh agaibh sith." 

3. Ciod, ged' ghabh truailleachd tamh a stigh 

Cuir doilgheas air ur cridhj 
Deir e, a dh' aindeon gach aon namh, 
" Annams' bidh agaibh sith." 

4; Ged''seigin duibhdol troimh na bhàs 
Gu fois, o'n turas sgith, 
Deire, — 's gu cinnteach iha e fior, 
'• Annams' tha agaibh sith." 

5.N uair chi sibh m'aghaidh ann an gloir, 
Mealaidh sibh i gun di; 
Is 'dear'bhaidh siorruidheachd gur fior, 
Gu'm faigh sibh annams' sith. 

* aicheadh. 



61 

XXVII. 

IORASLACHA IS ARDACHADH CHRIOSD. Rev. i. 18» 

1. Ciod e an onoir bheir 'si'rih uainn 

Do 'n Tighearn Iosa Criosd an t-Uan, 
An uair hach cuir ard-aingle fein, 
A chliu 's a ghloir gu bràth an ceill. 

2. 'S airidh Thus' bha aon uair marbh, 

A Phrionnsa na beath' dh'òl domblas searbh: 
'S a choisinh slainte shiorruidh tìhuinn, 
Air onoir, 's gloir air feadh gach linn. 

3. Curnhachd, is mòvalachd b' e dhuais, 
Dhiteadh le samhla' breith aon uair; 
Do Iosa buihidh Gliocas Dhe, 

Ged' chajdh a dhit' mar neach gun cheiU. 

4. Gach uile shaibhreas buinidh dha, 
Ged' dh' fhuiling e gu ruiga bhas; 
Dhasan thugaibh gloir gach am, 

Dh' fhag gach doilgheasair a chrann. 

3. Onoir neo-bhàsmhor 's dligheach dha, 
An àiteea-coir, masladh, 's tàir: 
'S a nis chuir Dia le laimh mu cheann, 
Coron gloir, guii droighinn ann. 

6 Beariiraicht gu siorruidh gu robh 'n t- Dan, 
A cboisinn dhuinne slàint bhith-bhuan; 
A chliu biodh Aingle cuir an ceill, 
'S gach duil ag radh gu h-ait, Amen ! 

XXVIII. 

ARDACHA AGUS GLOIR CHRIOSD. 

1. 'S airidh an t Uan aircumhachd 'sgloir, 

Air feadh gach linn gu brath; 
Gach pòbull, 's treubh, is duil a t-ann, 
Striochdadh gu ùmh'l na la'ir. 

2. Chriochnaich e 'n obair uamhasach 

Chaidh shonracha le Dia; 
Chunnaic àn cruinne-ce, is chlisg, 
Le osnaich, geilt, is pian! 

F 



62 

5. Feuch dh'eirich e asuas le buaidh 
Gu deas lamh Dhe nan gràs; 
Nis riaghluidh e air feadh gach linn, 
A dh' aindeoin stri a nàmh. 

4. Gach saibhreas, onoir, urram 's gloir, 

Air talamh 's neamh le cheil', 
Tilgidh iad uile sios 'na la'ir, 
Le gairdeachas is geill. 

5. Hosana ait ! biodh neamh, is fonn, 

A cuir an ceill a ghràs, 
A taisbeana na beannachdan, 
A f huair e dhuinn le bhas. 

6. Ard, is ni 's airde biodh a chliu 

Air feadh gach linn ga sheinn; 
Do 'n Uan a dh' iob'readh biodh gu brath 
Ard Halleluiah binn. 

XXIX. 

CRIOSD TIGHEARN NAN UILE. ActS X. 36. 
Rom. XÌV. 9. 

1. Failte do ainm an Tigbearn' los', 

Striochdadh gach dùil ga luaidh; 
An crùn, tha RioghaiJ thugaibh leibh, 
Is crùnaibh Righ nan sluagh. 

2. Crunaibh e mhairtirich ar Dia, 

Tha gairm 6 altair shuas: 
Freumh Iesse ardaichibh gu brath, 
Is crunaibh Righ nan sluagh. 

3. A ghineil thaghta Israeil, 

Fuigheal ro lag is thruagh; 

Failtichibh 'n Ti is Slan'ear duibh, 

Is crunaibh Righ nan sluagh. 

4. Ghentilich, sior chuimhnichibh. 

An domblas searbh gach uair; 
Tilgibh ur coran gloir nala'ir, 
Is crunaibh Righ nan sluagh. 



63 

5. Gach òg is aosd d' ati aithne e, 

Tha moth'chadh ciont is truaigh, 
Bi'bh ait le armailtibh na neamh, 
Is crunaibh Righ nan sluagh. 

6. Gach uile phobull agus treibh, 

Tha'n taobh a bhos do'n uaigh, 
Gach uile urram thugaibh dha, 
Is crunaibh Righ nan sluagh. 

7. O leis an aireamh lionmhor ud, 

A f huair na ainm a bhuaidh, s 

Gum bidheadhmaid air feadh gach linn; 
A' crunadh Righ nan sluagh. 

XXX. 

ìonas a chriosduidh. Salm xxxii. 1, 2. agus 
xxxiv. 8 — 10. 

1. Cia sona staid an duine naoimh! 

Tha pheaca maite cbaoidh, 
Tha ' bheatha folaicht' ann an Criosd, 
'N taobh thall do f heirg nan daoi. 

2. Ged ann 'san f hasach gharbh an tras, 

'S tric thairnear osna ghoirt, 
Air dha bhi 'g earbsa 'n Dia gach uair, 
Bheir esan dha ur neart. 

5. Ma mhothaicheas e'n t-slat tha seimh 
Ga chumail dlu do Dhia, 
Ni 'm buile caomh a thioirt air ais, 
O sheachrannibb, gu Thriath. 
4. 'S an uair a thig an teachdair caomh, 
Thoirt anam o gach cradh, 
Eiridh e suas oscionn nan neoil, 
Le sòlas ard gu brath. 



Tha atharrachadh air a dheanamh air na sailm a leanas o'n doiga 's am bheil 
ad gu litireil anns an leabhar sailm a ta air a chleachdadh air feaOh na Gael- 
tachd. Gidheadh cha 'n 'eil e air a smuanachadh gu bheil iad a bheag air aa 
leasachadb. leis an alh'rachadh so: oir cha b' urra sin a bhi; do bhri gur 
anm mar a ta iad gu litireil, a rinn an Spiorad Naomh an deachdadh arsaa 

F % 



64 

feum na h-eag'.ais anns gach linn. Aeus .mar is mo a dh' f hasas aa f hior 
dhiadhaehd ann au cearnaftth 's am bith de'n t-saotjhal >s ann is moa Bhitheas 
's an ionad sin do mheas air na Sailm mar a tha iad gu liti'-il; du bhri E u 
bheil barrachd ac mar daeachd an Spiorad Naorah iarf oscionn gaeh meadhon 
eile. arson dusgadh aignidhean an aoraidh spioradail auns an anam. 
Ach dobhri gu bheil ua sailm a leanas, mar a ta.iada nis air an ath'rachadh, 
toirt solus air cuid do theagasgan an t soisgeul, feudaidh iad,trc bheannachadb. 
Dhe, bhi feumail do nihuinntir a ta 'g iarraidù eolas na firinn. 



SALM I. 

Sonas an duine dhiadhaidh, agus leirsgrios nan 
aindiadhach. 

1, Cia sona 'n ti nach d'theid a thaobh 

gu slighe chlaon nan daoi ! 
D' an comunn aingidh no d'am bèus 
Nacb tabhair spèis a chaoidh' ! 

2. Cia sona 'n ti ta gabhail tlachd 

do f hacal naomha Dhe, 
Ga ghieidheadh, oi'ch' is la, 'na bheachd, 
mar riaghail beatha 's bèus ! 

3 An neach so bidh mar chraobh a' fàs 
aig uisge sàmhacb sèimh, 
Nach caill a meas, ni 's mo n'a blà, 
's gun f hàdinn air a sgeimh. 

4. Bidh anam ait 'na uile shao'ir; 

chan ionan 's daoine daoi, 
A bhios mar vnholl air.f huadachadh 
air sgiathaibh luath na gaoith,. 

5. Na haingidh, là a'bhreitheanais, ffl i 

o dhiteadh cha d' theid as; 
Is ann an co-chomunn nan naomh 
a h-aon diu chaoidh' cha seas. 

6. Oir, slighe ghlan nan daoine naomh 

tha caomh an' sealla Dhia, 

Ach do na h-aingidh diolaidh e 

sgrios siorruidh agus pian. 

SALM LXXIII. 

An imcheist ìnntinn anns an robh Asaph rifaicinn soir- 
bhachudh nan amdiadkach, agus an doigh 's qn, 



65 

d'fhuair inntinnjuasgladh. Faodaidh an Criosduidk 
ihi tric air a bhuaireadh 's an doigh cheudna. 
1. 'Nis tha mi dearbhta gu bheil Dia 
ro chaomh da mhuinntir fein, 
Aon uair ge d' chuir mi so an ag, 
làn amharuis is pèin. 

2. Oir ghabh mi farmad ris na daoi 

bha soirbheacha' mu 'n cuairt; 
Tha 'm beatha (shaoileam) làn do àgh, 
gu 'm bàs gun ghoith no truaigh, 

3. Cha 'n 'eil iad saoth'racha' gu goirt 

fo dhocair mar tha cach; 
Leainneart tha iad comhdaichte, 
's le sogh tha 'n colann Jàn. 

4. 'Nan còradh tha iad ceannairceach, 

a' labhairt *n aghaidh neimh; 
Is Dia no duine cha d' theid as 
o'm masladh is o'm beum. 

5i Fan aobhar sin tha pobull De 
ag radh 'nan eigin mhoir, 
Nach toir an Ti is aird fanear, 
's nach dean air thalamh coir?" 

6. Tra tha iad so an soirbheas phailt 

's gun airceas air an stor, 
Nach diomhain dhomhsa bhi co naomh, 
's gidheadh ga m' chlaoi' gu mor ? 

7. Le smaointibh amaideach mar so, 

bha m' anam air a chlaoi'; 
Gidheadh, nan labhrainn iad amach, 
bhiodh doilgheas air na naoimh, 

8. Ach bha a' chuis 'na h imcheist orm, 

riamh gus an d' f huair mì fios, 
Am facal 's ann an teampull De, 
mar theid 'na dheigh so 'n Fgrios. 

9. Air àite sleamhuinn chuir thu 'a. cas, 

's grad-thuitidh iad asios, 
F 3 



m 

Gu slochd is uamhainne na 'n h-uaigh, 
'sam bi iad truagh gu sior. 

10. Mar aisling, n uair à dhuisgeas neach, 

an àgh theid seach gu brath, 
Oir thusa, Dhia, tra dhuisgèas d'f hearg, 
sgriosaidh gu garg do naimh'. 

11. Cia baoth mata.mo bharailse, 

tra ghabh mi farmad riu? 
Cha b'fhearr mo thuigse is mo chiall, 
an lathair Dhia, na brùid. 

12. O so amach bidh mi gu bràth 

earbsach a d' ghras, a Dhe; 
Oir 's tusa chum mi suas do ghnà, | 
le d' ghairdein neartmhor, treun. 

13. Stiuiridh tu mi le d' chomhairle, 

rè fad mo bheatha bhos; 
'S na dheigh siu bheir thu dhomhj an gloir. 
cònuidh gu brath is fois. 

14. Co agam anns na neamha shuas, 

a Dhia nan sluagh, ach thu ? 
Is ni bheil neach air thalatnh bhos, ' 
ach thus' sam bheil mo dhùil. 

15. Mo cridhged' fhàilnich agus m' fheoil, 

gheibh m'anam treoir uait 'èin; 
Is tu ma neart 's mo chuibhrionn buanj, 
a bhos is shuas, gach rè. 

16. Ach leirsgrios thig air daoine daoj, 

a chaoidh' bidh iadsan truagh; 
Oir sgriosaidh Dia na h uile nefath 
a theid air seachran uaith. 

17. Ach dhomhsa 's maith teachddlu doDhia : 

's e Dia mo thearmunn treun, 
'S a nis agus a ris gu brath, 
cuh'i mi ghràs an ceill. 



6? 

SALM XLIX. 

Criodi thruagh nan ain-diadhach shaikhir. 
ì , Eisdeadh gach neach air thalamh ta, 
ma 's ard na io 1 al è; . 
Mo theagasg buini do gach neach 
a thcirt fanear gu seimh. 

2. An laithibh docair agus truaigh 

gabhamaid cruadal treun: 
Cha'n f hada bhios luehd-uilc ri èlaoi'; 
sgriosar na daoi gu leir. 

3. An t aingi uabhrach ged' tha ,'n tràs 

ri ràiteachas a* mhaoin, 
Cha ghleidh a storas e o'n bhàs, 
's a bhrathair fexn cha saor. 

4. (Cha saor e anam le chuid oir; 

cha chum se beo aou neach; 

'S chan f huasgail idir è o'n bhàs; 

chaidh là nan gràsa seach.) 

5. Tha glic is gorach uil' a' falbh, 

cha dean an seaihb dhoibh feum; 
Siubhlaiiih iad as, gun bheag thoirt leo, 
's fàgaidh an stòr nan dèigh. 

6. Saoilear leo 'n tras gu mair am maoin 

gun chaochla, fad nan dèigh; 
A' tabhair air ain ieavann ainm 
do reir ^n ainme fein. 

7. Ach 's goirid cuairt an droch-dhuine, 

ge d' robh e 'n onoir ard; 
Mar ain hi aig an robh a chuid 
's a bhearha so arohàin, 

8. Air maduinn dhlu na h-aiseirigh, 

cia sona staid nan qaoimh! 
Gu onoir dùisgear ìad anios, 
tra dhitear daoine daoi. 

9. Farma 1 mata na bitheadh ort 

tra chi thu droch-dhuin ard; 



6.8 

Oir 's goirid gus an tuit e sios 
co iosal ris an làr. 

10. An sin cha toir e aon ni leis 

de 'n stor a bh' aige bhos; 
Cha lean ris inbhe anns an uaigh, 
's cha tabhair uaisl' da fois. 

11. 'Na shuilibh fein ge d' bha e glic, 

's ge d' chual e tric o chàch 
Gur maith a rinn e, 's gu 'm bu cheart 
bhi toirt do 'n t-saoghal gràdh. 

12. Anam gidheadh ma dhearmad e, 

co ghabhas farmad ris ? 
Mar ainmhi, f huair an corp a shath, 
ach c' àit bheil anam nis ? 



Eakrann de SALM LXV. &c. 

Maitkeas De anns a chruthachadh agnx anns anfhreasdaL 

1. Is ann le d' nearts' a shocruicheadh 

na sleibhtean air am bonn; 
'S tu chaisgeas luasga' mor nan sluagh, 
is fuaimneach fhaivg is thonn. 

2. Is tus' tha riaghladh thar nan trà; 

is leat an là 's an oi'ch: 
'S tu dhealbh a ghrian 's na reultan iuil, 
's tha cumail riu an soills'. 

5. Criocha na talmhainn shocruich thu, 
gu daingean air gach lamh; 
An samhra teith 's an geamhra fuar 
bheir geill gach uair do d'àithn'. 

4. Tha oibre iongantach do lamh 
toirt anns gach ait oirt sgèul; 
Tha maduinn V, feasgar gach aon là 
a' cur do ghradh an ceill. 

Ù. An talamh tha thu taiseacha' 
le frasaibh ciuin nan speur; 
S a' toirt air arbhar 's luibhean fàs, 
a dh' àrach daoin' is spreidh. 



69 

6. Tha mhachair lan de thoradh trom, 

's an f hasach lom fo bhlà; 
Gàir aoibhneis anns gach uile ghleann, 
's na beanntai freagairt dà. 

7. Na h-ainmhi aitbheir dhuitsa cliu; 

oir 's tu tha toirt doibh bidh: 
Aimsir na bliadhna stiuraidh tu, 
o tus gu ruig a crioch. 

'SALM CIV. " 

An Nì ceudna. 

1. O m' anam! beannuich thusa Dia. 

Mo Dhia! 's tu 'n Triath ro mhor, 
Tha air do sgeadacha gu bràth, 
le onoir ard is gloir. 

2. Chuir thusa solus dèalrach glan, 

mar fhalluing umad fein; 
'S mar chuirtean thar do chathair-righ ' 
'mach shin thu neamh nàn speur. 
5. 'S tu rinn na h aingil ghloimhor ard, 
gu bhi ad làthair fein; 
'S co grad ri lasair dhealanaich, 
do d'f hacal bheir iad geill. 

4. 'S tu shuidhich st^idh na talmhainn so, 

's a sguab air faibh an tuil 
A chòdaich aghaidh; 's a ghrad theich, 
tra ieig thu mach do ghufh. 

5. Dhraid thus' an cuan 'na leabai' fein, 

o n eirich àiteachd suas, 
Bhristeas 'na shruthaibh o na sleibh, 
thoirt deoch do spreidh 's dobhuar. 

6. Na sruthai' so (iha siubhal sios 

feadh ghleanntaibh agus ghlaic) 
Ni 'm rearann torach, 's bidh na sloigh 
'ta chònui ann ro ait. 

7. Tha Dia toirt air an f heur bhi fàs, 

a bheathach' ail is spreidh; 
Is arbhar arson lòn do dhaoin' 
bheir thu maraon, a Dhe. 



70 

8. Le fion is ola mar an ceudn' 

rinn thusa, Dhe, sinn ait; 
An talamh sgeadaich thu le coill, 
's le craobha meas gun airc. 

9. Na craobhan so ni ait na h-eoin 

a bheir, le 'n ceol, duit cliu; 
'S ni ainmhi f hiadhaich tamh fo 'n sgàil 
trid d'fhàbhair do gach duil. 

20. Oir do gach duil is pailt doghràs, 
is thug do lamh gu fial 
Na nithe maith sin dhoibh gu leir, 
tha reir am feum 's am miann. 

11. Chuir thusa gealach anns an speur, 
a chur an ceill nan tra; 
Is theagai^g thu do 'n ghrian an uair 
san druid i suas an là. 

1 2. Thig dorchadas an sin gu luath, 

's theid uabheistan na fri 
A sholar cobhartaich 's gach ait, 
o d' lamhs' ag iarrui' 'm bith. 

13. Ro' eiri greine pillidh iad 

aris gu 'n garuidh fein: 
Is theid an duine mach gu shao'ir, , 
gu aoma' sios na grein'. 

14. Cia lionmhor d'oibre iongantach 

a rinneadh leat gu glic! 
O cheann gu ceann tha 'n talamh làn, 
de d'f habhar is de d'iochd. 

15. Is amhluidh tha an Fhairge mhor. 

Cia lionmhor iai a sloigh! 
Giùheadh do f hreasdal-sa tha, Dhe, 
toirt doibh gu leir an loin. 

16. Ari toirbheartas ,a dheonuich thu 

is leor arson an riar; 
Fosglaidh tu ga pailt do lamh, 
is sasuichear am miann. 



71 

17. Do ghnuis ma cheileas tusauath, 

gheibh iad gu luath am bas; 

Ach d'ordugh cuiridh tu anuas,. 

'sthig gineil nuadh 'nan àit. 

18. Tha gloir Iehobhadh maireannach 

air feadh gaeh uile linn; 
Is gabhaidh e gach aon uair tlachd 
's na h-oibre maith a rinn. 

19. Anuas le feirg ma sheallas tu, 

an talamh bidh air chrith: 
Ach grasmhor bidh do ghnuis do d' shluagh, 
gun uabhas uair air bith. 

20. Dhuit bheir mi fein, a Dhia is aird! 

moladh is gradh ri m' bheo: 
An cian a mhealas mi mo bhith, 
dhuit bithi mi toirt gloir. 

21. Is aoibhinn leam bhi smaointeachadh 

air Dia co caomh 's co mor; 
'S mo dhuil gu faigh mi shuas 'na la'ir, 
sonas gn brath is gloir. 

22. Olc no luchd-uilc gu brath cha bhi 

'san rioghachd sin an aigh; 

Far 'm bi aingle agus naoimh, 

toirt aora, dhuit, gu brath. 

SALM CXXXVII. 

Staìd a Chriosduidh anns an t-saoghal so. 

1. Aig sruthaibh coimheach Bhabiloin 

na h-ludhaich shuidh, lan broin; 
An sin air Sion chuimhnich iad, 
's gun chuimse shil an deoir. 

2. Air gheugaibh seilich chrochadh leo 

an clarsaichean an sin; 
Ach iadsan a rinn braighde dhiu, 
dh'iarr orain orra 's gean. 

5. Seadh iadsan le 'n do chreachadh iad, 
dh' iarr luaghair orra 's ceol; 



72 

" Seinnibh de laoidhibh Shioin dhuinn, 
(ars iadsan) mar bu nos." 

4. Is amhluidh tha, 'san t-saoghal so, 

na naoimh an duthaich chein; 
An dathigh tha san t saoghal shuas, 
's ann air tha 'n luaidh 's an speis. 

5. Cha 'u urra sinn,an duthaich chein, 

speis thoirt do aighir faoin; 
Ach cliu Iehobhadh seinnidh sinn; 
's ann, airsan tha ar gaol. 

6. Mur cuimhnich mi mo dhathigh ard. 

ri m' laimh nior lean a lugh. 
Mo theanga mur toir cliu do Dhia, 
leanadh ri m' ghiai gu dlu. 

7. Is taitniche leam fein gu mor, 

bhi tabhairt gloir do Dhia, 

Na aighir saoghalt, air a mheud, 

nach fiu air speis no miann. 

8- Na leig le naimhdibh m' anma, Dhe, 
m' aoibhneas ro mhor thoirt uam; 
Na tilgeadh iad mi sios gu làr, 
a'm làithibh lag is truagh. 

9. 'Sneavachd am fear a ehathaicheas 

an aghaidh gach aon lochd; 
Agheibh air buaire 's peaca buaidh, 
's a bheir sior-f huath do 'n olc! 

10. 'S nearachd am fearr a cheannsuicheas 

ceud f has an ùilc 'na cridh, 
Chlaoidheas a namh tra tha e maoth, 
mu'n tig an smaoin gu gniomh. 

( 11. An neach so, le Ard-thriath nam buadh, 
rioghaichidh shuas gu brath, 
Is aoibhneas siorruidh mealaidh e 
le aingil ait 'na la'ir.) 



A CHRJOCH. 



'^GDS 



/ g - i 



£&i 






%..